GF034i14N ÒRAN AIR MATHAN Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean Bàrd: Garat mac Fhionnlaigh Dhùghaill | Garrett MacDonald Tha clòimheach annta: [Séist:] Mo nighean donn an t-sùgraidh, Mo chaileag bhòidheach shunndach; Mo nighean donn an t-sùgraidh, Do chùl a h-uile là rium. Am pàist' a chaidh dha 'n fhuaran, Le pitcher dh'iarraidh uachdair; Ach nuair a chual' i fuaim ud, 'S e a chluaiseineach thug i dhachaigh e. 'S gur ann a rinn e grànnda, Air caoraich Sheonaidh Màiri; Gun d' mharbh e anns a' phàirc 'ad, 'S a dhà air Murdock Alasdair. 'S gur ann a rinn e suarach, Air caoraich Dhonnchaidh Ruaraidh; 'S e reitheanan a buaidh air, 'S gum bualadh e le chlaigeann e. 'S cha deanadh fheum air stàghail, Tha 'n ceann aig anns an fhàsaich; Chan inns' e gu bràch e, Cò 'n t-àit na chuir e 'm falach e. 'S tha mathan beag cho guanach, A' frithealadh na fuarain; Ma bhios crodh air buaile, Gum bi an t-uachdar agam-sa. 'S a' mhadainn, an àm éirigh, 'S mo bhiadh agam ri ghreidheadh; An t-aran a rinn mi 'n dé, An-diugh cho cruaidh ri arag baraille. 'S mo léin' agam ri chàradh, 'S gun mise math le snàthad; Mo thriubhsair cha b'e an t-agh i, Le tàirnean anns na galaisean. 'S an crodh ri chuir dha 'n bhuaile, 'S am bainne ri thoirt bhuatha; 'S a' chur troimh 'n t-inneal uachdair, 'S an uair sin chuir dha 'n chrannachan. 'S na laoigh 's 'ad ag éigheachd, A' mhuc 'san fhang ag éigheachd; 'S na cearcan 's 'ad air ceigeireachd, A' cur an céill gu robh an t-acras orr'. 'S tha am porch agam ri sgùradh, Tha am bòrd is an t-ùrlar; Ma phick mi'n clòsaid cùl, Gum bi driùchd neo fallais orm.