Back to recordings
Ged tha America bòidheach
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF033i11 GED THA AMERICA BÒIDHEACH
Beulaiche: Iseabail ni'n Bhaltair | Isabel Fortune
Bàrd: Archie MacIsaac
[...]
Mar seo bhios mo cheum;
Bheir mi m'aghaidh air Siudaig,
'S air mo chuideacha fhéin.
[Séist:] O hì rìdle o ro bha,
O hì rìdle o ho ré,
'S i o hì rìdle o rìdle,
O hì rìdle o ho ré.
O 's muladach, muladach,
Duine leis fhéin;
'S ann a-raoir nach d' fhuair mi'n cadal,
Ann an leapa leam fhéin.
Ach dar thigeadh a' Samhna,
Chan e mall a bhios mo cheum;
Bheir mi m'aghaidh air Siudaig,
'S air mo chuideacha fhéin.
Ged tha America bòidheach,
Cha do chòrd e rium fhéin;
Cha chluinn sibh guth Gàidhlig,
Neo ceòl a thoirt ás teud.