GF033i11 GED THA AMERICA BÒIDHEACH Beulaiche: Iseabail ni'n Bhaltair | Isabel Fortune Bàrd: Archie MacIsaac [...] Mar seo bhios mo cheum; Bheir mi m'aghaidh air Siudaig, 'S air mo chuideacha fhéin. [Séist:] O hì rìdle o ro bha, O hì rìdle o ho ré, 'S i o hì rìdle o rìdle, O hì rìdle o ho ré. O 's muladach, muladach, Duine leis fhéin; 'S ann a-raoir nach d' fhuair mi'n cadal, Ann an leapa leam fhéin. Ach dar thigeadh a' Samhna, Chan e mall a bhios mo cheum; Bheir mi m'aghaidh air Siudaig, 'S air mo chuideacha fhéin. Ged tha America bòidheach, Cha do chòrd e rium fhéin; Cha chluinn sibh guth Gàidhlig, Neo ceòl a thoirt ás teud.