Back to recordings

Tha mi an seo 's a' choille chruinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF033i09 THA MI AN SEO 'SA CHOILLE CHRUINN


Beulaiche: Iseabail ni'n Bhaltair | Isobel Fortune
Bàrd: Iagan Aonghuis na Beinneadh | Johnny Angus MacDonald



Séist: Tha mi seo 'sa choille chruinn
Teannaidh mi ri togail fuinn
Tha na gillean òga cruinn
'S b' fheàrr leam fhìn gu robh mi ann


What'll you sing?


[BREAK IN TAPE] … à Glendale,
An deaghaidh dha 'n phòsadh a bhi réidh;
Théid an fhìdheall a chur air gleus,
Gu—'s e Cabar Féidh bu mhath leinn.


Chuir iad am Bràighneach far a dhòigh,
Bho nach d' fhuair e gu leòr ri òl;
Bhuail e dhòrn air a' bhòrd,
'S cha sheinneadh e ceòl na taing.


Chuir 'ad Iain Dhòmhnaill far a dhòigh,
Bho nach robh e 'faighinn gu leòr ri òl;
Bhuail e a dhòrn air a' bhòrd,
'S cha sheinneadh e ceòl na taing.


Chuir 'ad Seumas ann an cùl,
An t-eagal aige roimh na dùirn;
A cur na lìosaig air a smuirn,
'S daoine tùrail ás an ceann.


Thill e dhachaidh air a shàil,
Ag innse dha 'n bhean mar bha;
Feuch nach gabh thu àrd gu bràth,
Gun d' fhuair mi a bhragsaidh bhuam 'san àm.


I had it all twisted around, I didn't sing it right.

Isobel Fortune
Cùl Shiudaig | Rear Judique Chapel 7 recordings Faic pròifil | view profile