GF033i09 THA MI AN SEO 'SA CHOILLE CHRUINN Beulaiche: Iseabail ni'n Bhaltair | Isobel Fortune Bàrd: Iagan Aonghuis na Beinneadh | Johnny Angus MacDonald Séist: Tha mi seo 'sa choille chruinn Teannaidh mi ri togail fuinn Tha na gillean òga cruinn 'S b' fheàrr leam fhìn gu robh mi ann What'll you sing? [BREAK IN TAPE] … à Glendale, An deaghaidh dha 'n phòsadh a bhi réidh; Théid an fhìdheall a chur air gleus, Gu—'s e Cabar Féidh bu mhath leinn. Chuir iad am Bràighneach far a dhòigh, Bho nach d' fhuair e gu leòr ri òl; Bhuail e dhòrn air a' bhòrd, 'S cha sheinneadh e ceòl na taing. Chuir 'ad Iain Dhòmhnaill far a dhòigh, Bho nach robh e 'faighinn gu leòr ri òl; Bhuail e a dhòrn air a' bhòrd, 'S cha sheinneadh e ceòl na taing. Chuir 'ad Seumas ann an cùl, An t-eagal aige roimh na dùirn; A cur na lìosaig air a smuirn, 'S daoine tùrail ás an ceann. Thill e dhachaidh air a shàil, Ag innse dha 'n bhean mar bha; Feuch nach gabh thu àrd gu bràth, Gun d' fhuair mi a bhragsaidh bhuam 'san àm. I had it all twisted around, I didn't sing it right.