Back to recordings

Boireannach a' Goid Bainne

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF032i06N BOIREANNACH A' GOID BAINNE


Beulaiche: Bella ni'n Eóghainn mac Iain Alasdair Dhonnchaidh | Isobel MacEachern


Uill bha boireannach ann triop 's bha i 'fuireach leatha fhéin. Cha robh i 'cumail crodh, 's cha robh i 'cumail sìon. Agus bhiodh i 'dol do stòraichean le tubaichean de dh'ìm, le bogsa de chàise, bhiodh i 'ga creic anns na stòraichean. Bha feadhainn an sin a' cur amhras oirre ciamar—càit' a robh i 'faighinn an ìm 's a' chàis'.


Agus bha tuathanach a' fuireach làimh rith' is poidhle do chrobh-bainne aige. An ùine goirid, thòisich an crodh-bainne air a dhol tioram. 'S cha robh 'ad a' faighinn boinne bainne aca. Agus bha—bhiodh 'ad a' faicinn a' bhoireannach a bha seo a' dol a-mach a h-uile madainn 's a h-uile feasgar, bucaidean aice, agus bha sin a' cur iongantas orra agus 'sin, watch 'ad i, bhiodh 'ad 'ga faicinn 'dol a-nunn rathad na coilleadh. Agus chaidh 'ad 'ga watchadh latha bha seo.


'S chunnaic 'ad i aig craobhan a bha seo, is na bucaidean aice is, theireadh i maide 'mach á toll a's a' chraoibh is chuireadh i bucaid mhór a' sin. Agus lìonadh a' bhucaid do bhainne ás a' chraoibh. Nuair hiodh a' bhucaid sin làn, rachadh i gu craobh eile 's dheanadh i 'n aon rud. Lìonadh i a' bhucaid sin do bhainne.


Agus chan urrainn dhomh a dhol na 's fhaide. Chan eil fhios a'm dé rinn 'ad ris a' bhoireannach. Ach tha seans' gun do chuir 'ad stad oirre co-dhiù. Fhuair 'ad an crodh air dòigh a-rithist. Fhuair 'ad an cuid bhainne bhuapa.

Isobel MacEachern
Bràigh na h-Aibhneadh | Maple Brook 2 recordings Faic pròifil | view profile