Back to recordings

Òran na Làireadh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF032i03N ÒRAN NA LÀIREADH


Beulaiche: Aonghas Dhòmhnuill Ailein Dhòmhnuill | Angus MacDonald
Bàrd: Jimmy Nicholson



[Angus MacDonald:] Comhairle tug thusa dhomhsa ceartas
Air [thuirt/thoirt?] mis' a thoirt air lethid do dh' astar
Fhios agad nach faighinn ceartas
'S e 'n droch phasdar bh' anns a' ghleann


[Séist:] Hi ho ro 's tha mi gu fann


'S uair nach [fhaighinn-s'/ghabhainn-s'?] tàmailt
'Son each a bha 's an àite
Dar a rachainn anns na harness
'S mi gun cumadh àrd 's mo cheann.


[Unidentified:] Alright [unintelligible].


[AM:] We'll have to go.


[U:] [unintelligible].


[AM:] Nam bithinns' air mo bhiathadh
Dhèanainn fhathast dhuibh bliadhna
Dhèanainn-s' treabhadh agus cliathadh
Ged a tha mi liath mu 'n cheann.


'S nam bithinns' air mo bhiathadh
Dhèanainn fhathast dhuibh bliadhna
Dhèanainn treabhadh agus cliathadh
Anns a' phàirc as fhaide thall


[?] brat chur orm 'san oidhche
No 'nam chìreadh anns a' mhadainn
Ach mu dhraibhinn a-mach dha 'n phastar
Sgrìob thu fhéin a-nunn 's a-nall.


Cha d'fhuair mi riamh eòrna
Cha d'fhuair mi riamh leth mo leòr dheth
Ach mo cheangail[eadh?] le ròp'
Anns a' stall a's fhaide thall.



[U:] That's it. Isn't it?


[AM:] No.


[BREAK IN TAPE]


Nuair a thig an t-earrach
'S earrach [fuar?] —'S urainn dhomh feur a ghearradh
'S air a thòisicheas mi ri cagnadh
Cluinneadh tu cnagadhaich 'nam cheann.



And I think there is another one yet, but I can—


[U:] Well you'll be around [unintelligible].


Notes (fieldnotes):
Only first line of chorus sung.

Angus MacDonald
An Abhainn Dubh | Black River 1 recordings Faic pròifil | view profile