Back to recordings

Tuairisgeul goirid air Sìne Henny

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF031i02 TUAIRISGEUL GOIRID AIR SÌNE HENNY


Beulaiche: Ruairidh Beag mac Aonghais Eóghainn Iain | Roddy MacInnis


Roddy MacInnis: Tha mi 'gràidhinn seo mu dheidhinn Sìne MacAonghuis, chaidh a h-àrach is a togail ann an Glendale, chaidh i dha 'n sgoil ann an Glendale. Dar thàinig i an aois pòsadh, mhove i gu Long Point, far na phòs i MacEachainn, agus far a dh'fhuirich i an còrr dha saoghal a' deanadh òrain. Sin agaibh e.


Cha robh i ach goirid, agus bha i solid. Bha i car mór. Bha i mór, tha mi 'creidsinn gu rachadh i two hundred and fifty. Bha ceann math aice 'deanadh òrain.


Tha, e na sheasamh fhathast. Tha an taigh na sheasamh fhathast.


John Shaw: Càit' a bheil e?


RMacI: Tha e shios ann a' seo – bheil fhios 'ad far bheil Danny Fortune, fear thàinig dhachaigh às na States?


JS: Tha.


RMacI: An ath fhear cross dìreach bhuaithe-san an sin. Tha sabhal 's tha taigh mór ann. Sin far an deach a togail.


Roddie MacInnis
Bràigh na h-Aibhneadh | Glendale 12 recordings Faic pròifil | view profile