A' Choille Ghruamach
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF030i02N A' CHOILLE GHRUAMACH
Beulaiche: Iain Dhòmhnaill Bhàin | John MacNeil
Bàrd: Iain Ailein , Bàrd Thighearna Cholla , Am Bàrd MacGilleEathain , Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean
Duine ann am Barney's River is rinn e òran. Cha d'fhuair mise uile riamh e, fhuair mi beagan ceathramhan dheth. O rinn e job dheth direach a bha gabhaidh [math].
Chan iongnadh dhomhsa a bhith tùrsach, brònach,
'S ann tha mo chomhnaidh air cùl nam beann;
Am meadhan fàsach air Abhainn Bhàrnaidh,
Gun dad as fheàrr na 'm buntàta lom;
Mun dèan mi àite 's an tog mi bàrr dheth,
Is a' choille ghàbhaidh chur far a buinn;
Le neart mo ghàirdein gum bi mi sàraichte,
Is treis air fàilinn mum fàs a' chlann.
Nuair a thig a' samhradh 's àm a' Chéitein
Bidh teas na gréine gar fàgail fann;
Gun cuir i spéirid 'sa h-uile creutair
A bhios fo éislean air feadh nan tom.
Am mathain bèisteil, a nì e éirigh
Dhol air an treud, gum bu mhòr a' chall:
A' chuileag ìneach le socach puinnsean
'Gam lot, 's [gu lìonmhor le roinn a lainn?].
Nuair thig an geamhradh is mìos na Dùbhltachd
Bidh sneachda dùinte mu chùl nan ceum,
Is gu domhain, dùinte, dol far nan glùinean,
Is ged 's math an triùbhsair, cha dèan i feum.
Ar stocainn dhùbailt 'sa mhocais chlùdach
'S i air a dùnadh gu dlùth le èill:
B' e am fasan ùr a bhith 'gan cosg le fionndadh
Mar chaidh a rùsgadh den bhrùid an-dè.
That's all I have…
[BREAK IN TAPE]
Ged bhithinn dìcheallach ann an sgrìobhadh,
Gun gabhainn mìosa ris agus còrr;
Mun cuirinn crìoch air na bheil air m' inntinn,
'S am tugainn dhuibh e le cainnt' mo bheòil;
Tha mulad dìomhair an déidh mo liathadh,
Bho'n 's fheudar strìochdadh an seo rim bheò;
Air bheag thoil-inntinn 'sa choille chruinn-s',
Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.
Cha b' e sin a b' àbhaist an tùs mo làithean,
Is ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd;
Gu cridheil sunndach an comann cùbhraidh,
A' ruith na h-ùine, 's gun chùram oirnn;
Nuair thug mi mo chùl ribh, bha mi gur n-ionndrainn,
Gun do shil mo shùilean gu dlùth le deòir;
Air moch Diardaoin a' dol cross an caolas,
Bha 'n long fo h-aodach 's a' ghaoth fo seòl.