Back to recordings

Òran an Graf-Zepplin

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF029i01 ÒRAN NA GRAF-ZEPPELIN


Beulaiche: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais | Hugh Francis MacKenzie
Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais , Eóghann Eàirdsidh Sheumais Dhòmhnaill ’ic Eachainn , Hughie MacKenzie | Hugh Francis MacKenzie



(Description of song in English)


An cuala sibh mun chula-uamhais
Bh’ air ruaig air feadh na dùthcha,
Chuir daoine bochd ’nan ruith ’s ’nan leum
Ged b’ fhearail treun na diùlnaich;
’S mur till na dh’fhalbh air feadh nam beann
Mun tig oirnn àm na dùbhlachd,
’S e saoghal bochd bhios aca-fhéin
A’ measg nam fiadh ’s an dlùth choill’.


B’ e siod a’ bhéist chuir eagal oirnn
’S i tighinn tro’ an cheò ’gar n-ionnsaigh,
Mu bhàrr nam beann gun chrom i ceann
’S tro’ an ghleann gun d’ rinn i stiùireadh,
I uair cho ìosal ris an làr
’S gun d’ rinn i am bàrr a lùbadh,
Tha ’bhean aig Niall a’ caoidh ’s ag ràdh
Gun d’ rois i pàirt de h-ùbhlan.


Nuair chunnaic Dòmhnall i ’s a’ Chùl
Gun d’ chaill e ’dhùil ’s a’ dhòchas,
E smaointinn air bhi ’dol dha ’n ùir
’S nach d’ fhuair e ùin’ air pòsadh,
“Nach truagh an saoghal thighinn go ceann
’S gun bhean is clann ’nam chòir-sa,
’S an liuthad là bha mi fo phian
Air cnocan liath ’nam ònar.”


Nuair chuala Iain beag am fuaim
Gun d’ sheas a’ ghruag o ’n cheann air,
Ruith e mach gu dian le luaths
’S gun thuit e shuas mun t-seann taigh;
E smaointinn air ’na gillean ruadh’
“Gur truagh ma théid a’ leònadh,
’S mise fo chùmhnantan cruaidh
Gun cumainn suas ri am beò iad.”


Alasdair Eachainn leig e éigh ás
’S dh’éisd iad am Beinn Eòin ris,
“Mo chreach ’s mo chràdh! nach d’ speal mi ’n gràn
’S am bàs a’ tighinn cho teann orm;
Chan eil crùidhean air an làir
No stàbull aig na gamhna,
Gur duilich leam cho maol ’s tha sàbh
’Ga fhàgail aig a’ bhanntraich.”


Bha Niall Mhìcheil muigh ’s an phàirc
Nuair a chual’ e ’n gàdh bha neònach,
Shaoil leis gun do theich an tarbh
’S gun dh’fhalbh e leis an ròpa,
’S cinnteach gum bi Lusaidh marbh
Tha aodach dearg ’ga còmhdach,
Ma dh’fhaoidt’ gu bheil adharc innte an sàs
’S gun mis’ an àite dòrn dha.


’N uair chunnaic Anthony a’ bhéist
Gun dh’éigh e, “Fàth mo dhòruinn
An liuthad olc a rinn mi riamh
Le miannan na h-òige;
A Thighearna, tèarainn mis’ o phian
’S thoir mi go sliabh an t-sòlais
Is cruinnich gach peacach fo d’ dhìon
Le lìonmhorachd do thròcair.”


Nuair nochd i seachad an cnoc àrd
Bha Màiri Bhàn le cròcan
A-muigh ag ùireadh a’ bhuntàt’,
Bha ada bhàn is cleòc’ oirr’;
Gun d’ ghrìos i “Dìon mi Rìgh nan gràs’
O ’n bha mi m’ làithean cho gòrach,
’S gun d’ thug mi pòg do dh’fhear no dhà
Is bàigh agam air pòsadh.”


Nuair sgaoil an ceò ’s a-nochd a’ ghrian
Chaidh fear air sliabh a shealltuinn,
Troimh ghlaine-shùil gum fac’ e ’n iar i
Sgiathadh null mu Shanndraigh;
Nuair a fhuair e pàirt de ’chiall
Gun d’ thug e sìos an gleann air,
Fiach robh duine ann chuala riamh
Dé b’ ainm dha ’n triallair neònach.


Thachair Ruairidh ris ’s gun do dh’éigh e
“Eudail ort, a Thómais, Có mhiad tha beò?”
“Mi-fhéin ’s tu-fhéin.
Na rinn thu d’ éisdeachd dhòigheil?
Am bheil thu am beachd an till an treud
A chaidh air réis o’n bhòcan?
An cluinn thu Lisa ’s Ceitidh Mae
Ag éigheach a ’m Beinn Chòrnar?”


Fhreagair Tòmas, “Tha mi an dùil
Nach cùram dhuinn o ’n ’s beò sinn,
Mo bharail gur siod innleachd ùr
A fhuair an Rìgh ’son seòladh;
Gilleasbuig Sheumais anns an Chùl
’S e duine tùrail foghlaimte,
’S gun cuala mis e ’g inns’ o thùs
Gun robh Balloon ’s a’ n Òlaind.”


Fad iomadh aimsir gum bi seanachas
Dearbht’ gu inns’ an stòiridh,
Mar thàinig Gearmailtich thar fairg’
Le carbad rinn an do-bheairt;
Bi sìthichean air feadh nam beann
Seinn ceòl bhios tiamhaidh brònach,
Sliochd nan laoch a dh’fhàg an gleann
Nan deann an àm a’ bhòcain.

Reference sources:
Mac-Talla nan Cùl, Beaton Institute Archives, PAM G40, P. 23-5; Mar a b' àbhaist 's a' Ghleann, eds. Rod C. MacNeil and Kim Ells (2012), p. 31

Hugh MacKenzie
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 1 recordings Faic pròifil | view profile