GF029i01 ÒRAN NA GRAF-ZEPPELIN Beulaiche: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais | Hugh Francis MacKenzie Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais , Eóghann Eàirdsidh Sheumais Dhòmhnaill ’ic Eachainn , Hughie MacKenzie | Hugh Francis MacKenzie (Description of song in English) An cuala sibh mun chula-uamhais Bh’ air ruaig air feadh na dùthcha, Chuir daoine bochd ’nan ruith ’s ’nan leum Ged b’ fhearail treun na diùlnaich; ’S mur till na dh’fhalbh air feadh nam beann Mun tig oirnn àm na dùbhlachd, ’S e saoghal bochd bhios aca-fhéin A’ measg nam fiadh ’s an dlùth choill’. B’ e siod a’ bhéist chuir eagal oirnn ’S i tighinn tro’ an cheò ’gar n-ionnsaigh, Mu bhàrr nam beann gun chrom i ceann ’S tro’ an ghleann gun d’ rinn i stiùireadh, I uair cho ìosal ris an làr ’S gun d’ rinn i am bàrr a lùbadh, Tha ’bhean aig Niall a’ caoidh ’s ag ràdh Gun d’ rois i pàirt de h-ùbhlan. Nuair chunnaic Dòmhnall i ’s a’ Chùl Gun d’ chaill e ’dhùil ’s a’ dhòchas, E smaointinn air bhi ’dol dha ’n ùir ’S nach d’ fhuair e ùin’ air pòsadh, “Nach truagh an saoghal thighinn go ceann ’S gun bhean is clann ’nam chòir-sa, ’S an liuthad là bha mi fo phian Air cnocan liath ’nam ònar.” Nuair chuala Iain beag am fuaim Gun d’ sheas a’ ghruag o ’n cheann air, Ruith e mach gu dian le luaths ’S gun thuit e shuas mun t-seann taigh; E smaointinn air ’na gillean ruadh’ “Gur truagh ma théid a’ leònadh, ’S mise fo chùmhnantan cruaidh Gun cumainn suas ri am beò iad.” Alasdair Eachainn leig e éigh ás ’S dh’éisd iad am Beinn Eòin ris, “Mo chreach ’s mo chràdh! nach d’ speal mi ’n gràn ’S am bàs a’ tighinn cho teann orm; Chan eil crùidhean air an làir No stàbull aig na gamhna, Gur duilich leam cho maol ’s tha sàbh ’Ga fhàgail aig a’ bhanntraich.” Bha Niall Mhìcheil muigh ’s an phàirc Nuair a chual’ e ’n gàdh bha neònach, Shaoil leis gun do theich an tarbh ’S gun dh’fhalbh e leis an ròpa, ’S cinnteach gum bi Lusaidh marbh Tha aodach dearg ’ga còmhdach, Ma dh’fhaoidt’ gu bheil adharc innte an sàs ’S gun mis’ an àite dòrn dha. ’N uair chunnaic Anthony a’ bhéist Gun dh’éigh e, “Fàth mo dhòruinn An liuthad olc a rinn mi riamh Le miannan na h-òige; A Thighearna, tèarainn mis’ o phian ’S thoir mi go sliabh an t-sòlais Is cruinnich gach peacach fo d’ dhìon Le lìonmhorachd do thròcair.” Nuair nochd i seachad an cnoc àrd Bha Màiri Bhàn le cròcan A-muigh ag ùireadh a’ bhuntàt’, Bha ada bhàn is cleòc’ oirr’; Gun d’ ghrìos i “Dìon mi Rìgh nan gràs’ O ’n bha mi m’ làithean cho gòrach, ’S gun d’ thug mi pòg do dh’fhear no dhà Is bàigh agam air pòsadh.” Nuair sgaoil an ceò ’s a-nochd a’ ghrian Chaidh fear air sliabh a shealltuinn, Troimh ghlaine-shùil gum fac’ e ’n iar i Sgiathadh null mu Shanndraigh; Nuair a fhuair e pàirt de ’chiall Gun d’ thug e sìos an gleann air, Fiach robh duine ann chuala riamh Dé b’ ainm dha ’n triallair neònach. Thachair Ruairidh ris ’s gun do dh’éigh e “Eudail ort, a Thómais, Có mhiad tha beò?” “Mi-fhéin ’s tu-fhéin. Na rinn thu d’ éisdeachd dhòigheil? Am bheil thu am beachd an till an treud A chaidh air réis o’n bhòcan? An cluinn thu Lisa ’s Ceitidh Mae Ag éigheach a ’m Beinn Chòrnar?” Fhreagair Tòmas, “Tha mi an dùil Nach cùram dhuinn o ’n ’s beò sinn, Mo bharail gur siod innleachd ùr A fhuair an Rìgh ’son seòladh; Gilleasbuig Sheumais anns an Chùl ’S e duine tùrail foghlaimte, ’S gun cuala mis e ’g inns’ o thùs Gun robh Balloon ’s a’ n Òlaind.” Fad iomadh aimsir gum bi seanachas Dearbht’ gu inns’ an stòiridh, Mar thàinig Gearmailtich thar fairg’ Le carbad rinn an do-bheairt; Bi sìthichean air feadh nam beann Seinn ceòl bhios tiamhaidh brònach, Sliochd nan laoch a dh’fhàg an gleann Nan deann an àm a’ bhòcain.