Fhéin Labhairt an t-Seann Duine
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF028i03 FHÉIN LABHAIRT AN T-SEANN DUINE
Beulaiche: Steafan Ruairidh Mhìcheil Steafain | Stephen R. MacNeil
Bàrd: Calum Mac Gill-Iosa , Calum Eoghain 'ic Aonghais 'ic Caluim 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh | Malcolm Gillis
Séist: Air failirinn, illirinn, uilirinn, o ho ro hì,
Tha mo chridhe neo-shunndach,
'S gur a mór tha mi 'g ionndrainn gach nì.
Nuair a bha mi 'nam òige,
Cha b' e mi-ghean no bròn bhiodh am cheann;
'S ann a bhithinn gu sunndach,
Direadh bhealach nan stùcan 'nam dheann;
Gu'n robh m' inntinn 'san uair sin,
Mar an duilleag as uaine th' air crann;
Ach rinn reodhadh na truaighe,
Mise leagail a nuas gu bhith fann.
B'e sin làithean mo shòlais,
Nuair a bha mi air còmhnard nam beann;
'N am an fheasgair gu 'm b' aill leam,
Dhol a choimhead air Màiri do 'n Ghleann;
'S tric a ràinig mi 'n cailin,
'N déidh obair an latha' thoirt gu ceann;
'S dh' fhògradh sealladh de 'n ribhinn,
Uam gach airtneal, gach sgios agus greann.
Gun robh m'inntinn glé aotrom,
Ged bha beairteas an t-saoghail orm gann;
Bhiodh mo chridhe làn éibhneis,
Nuair a choinnichinn an té ud 's a' Ghleann;
Gruagach òg an fhuilt àluinn,
Bhachlaich, dhualaich an càradh mu ceann;
Aig 'n robh nàdur gun mhì-rùn,
'S meòir bu ghrinne rinn sgrìobhadh le peann.
Bhiodh i 'm smaointinn an còmhnuidh,
'S gur e h-ainm bheireadh solas do m'chridh';
Nuair a chruinnicheadh an òigridh,
Cha bhiodh aighear 's a' chòmhlan gun i;
Bha snuadh fìor ghlan na h-òig' oirr'
'S a dà ghruaidh mar na ròsan, a Rìgh!
Latha fhuair mi air làimh i,
Cha robh buaidh bh'air Diàna 'ga dìth.
Gun robh mise 's an uair sin,
Glé fhoghainteach, fuasgailte, treun;
Leagainn coille lath' fuaraidh,
'S gum biodh gillean air ghluasad fo m'reim;
Dheanainn treabhadh is bualadh,
'S cha bhiodh maille an gluasad mo cheum;
'S chuireadh Màiri dhonn, dhualach,
H-uile nì 's am biodh buannachd gu feum.
Gum bu mhath thu air fuaigheal,
'S air gach nì air an gluaiseadh tu làmh;
Bhiodh do rùm gu glan, sguaibte,
Cha do chleachd thusa, luaidh, a bhi d'thàmh;
Bha thu sìobhalt', glan, uasal,
Mar an eal' thig an uachdar o'n t-snàmh;
'S e thu, nise, dhol bhuaithe,
Dh'fhàg mise 's an uair so fo phràmh.
Ann an àirde mo làithean,
Air gach banais, gach bàl agus féill;
Gheibhinn caoimhneas nan càirdean,
'S chuirte furan is fàilte orm fhéin;
'S e bhith cridheil bu ghnàth leinn,
'G òl ghlaineachan làn air a chéil';
Danns' gu sunndach air mìre,
Nuair a chluichte dhuinn fidheall nan teud.
Ach o'n thromaich an aois orm,
Dh'fhàs mo chridhe 's mo smaointinnean fann;
Cha téid mi do chuideachd,
Cha chuirear do'n chuideachd mi ann;
'S an tha fiabhrus is loinidh,
'N déidh teannachadh comhla 'nam chom;
Tha mo chuimhn' air fàs tuathal,
'S chan eil ceum ann am ghluasadh ach trom.
Dh'fhalbh spionnadh mo làithean,
Dh'fhalbh mo shùgradh, mo mhànran 's mo cheòl;
Theirig conaltradh chàirdean,
'S thàinig trioblaidean cràiteach 'nam fheòil;
Chan eil speirid am Màiri,
Dh'fhalbh a h-eibhneas, a h-àilleachd 's a treòir;
Thàinig stoirm air mo ghàrradh,
A thug dhomhsa ceann-fàth airson deòir.
Thàinig maill' air mo léirsinn,
Chan fhaicear 's cha leughar leam nì;
Cha tog pìob nam port siùbhlach,
Cha tog fiodhull mór shunnd air mo chridh';
Ged a dh'éirinn 's a' mhaduinn,
Cha bhi sùgradh air m'aige; 's cha bhi;
Móran treòir ann am fhonn-sa,
'S bidh mi deònach air bobhla de'n tì.
Dh'fhalbh samhradh mo làithean,
Bha gu gorm-lusach àileanach, uain';
Thàinig geamhradh 'na àite,
'S shearg gach duilleach a b'àill' gu robh snuadh;
Chruinnich neòil air na speuran,
Chuir a' ghealach 's na reultan fo ghruaim;
Chaidh mo ghrian gheal a mhùchadh,
Mar gu'm bait' i air chùlaibh a' chuain.
Ach ged tha mi fìor dhubhach,
O'n a chaidh mi o shiùbhal 's o luaths;
Tha mi 'n dòchas mu'n triall mi,
Gu'n coisinn mi 'n rìoghachd tha shuas;
'S mairg nì móran mu'n t-saoghal,
Chumas neach ann am baoghal gun bhuaidh;
'S nach eil solas ri fhaotainn,
A mhaireas an taobh seo de'n uaigh.
Reference sources:
Smeòrach nan Cnoc is nan Gleann, ed. Hector MacDougall (1939), p. 10