GF028i03 FHÉIN LABHAIRT AN T-SEANN DUINE Beulaiche: Steafan Ruairidh Mhìcheil Steafain | Stephen R. MacNeil Bàrd: Calum Mac Gill-Iosa , Calum Eoghain 'ic Aonghais 'ic Caluim 'ic Dhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh | Malcolm Gillis Séist: Air failirinn, illirinn, uilirinn, o ho ro hì, Tha mo chridhe neo-shunndach, 'S gur a mór tha mi 'g ionndrainn gach nì. Nuair a bha mi 'nam òige, Cha b' e mi-ghean no bròn bhiodh am cheann; 'S ann a bhithinn gu sunndach, Direadh bhealach nan stùcan 'nam dheann; Gu'n robh m' inntinn 'san uair sin, Mar an duilleag as uaine th' air crann; Ach rinn reodhadh na truaighe, Mise leagail a nuas gu bhith fann. B'e sin làithean mo shòlais, Nuair a bha mi air còmhnard nam beann; 'N am an fheasgair gu 'm b' aill leam, Dhol a choimhead air Màiri do 'n Ghleann; 'S tric a ràinig mi 'n cailin, 'N déidh obair an latha' thoirt gu ceann; 'S dh' fhògradh sealladh de 'n ribhinn, Uam gach airtneal, gach sgios agus greann. Gun robh m'inntinn glé aotrom, Ged bha beairteas an t-saoghail orm gann; Bhiodh mo chridhe làn éibhneis, Nuair a choinnichinn an té ud 's a' Ghleann; Gruagach òg an fhuilt àluinn, Bhachlaich, dhualaich an càradh mu ceann; Aig 'n robh nàdur gun mhì-rùn, 'S meòir bu ghrinne rinn sgrìobhadh le peann. Bhiodh i 'm smaointinn an còmhnuidh, 'S gur e h-ainm bheireadh solas do m'chridh'; Nuair a chruinnicheadh an òigridh, Cha bhiodh aighear 's a' chòmhlan gun i; Bha snuadh fìor ghlan na h-òig' oirr' 'S a dà ghruaidh mar na ròsan, a Rìgh! Latha fhuair mi air làimh i, Cha robh buaidh bh'air Diàna 'ga dìth. Gun robh mise 's an uair sin, Glé fhoghainteach, fuasgailte, treun; Leagainn coille lath' fuaraidh, 'S gum biodh gillean air ghluasad fo m'reim; Dheanainn treabhadh is bualadh, 'S cha bhiodh maille an gluasad mo cheum; 'S chuireadh Màiri dhonn, dhualach, H-uile nì 's am biodh buannachd gu feum. Gum bu mhath thu air fuaigheal, 'S air gach nì air an gluaiseadh tu làmh; Bhiodh do rùm gu glan, sguaibte, Cha do chleachd thusa, luaidh, a bhi d'thàmh; Bha thu sìobhalt', glan, uasal, Mar an eal' thig an uachdar o'n t-snàmh; 'S e thu, nise, dhol bhuaithe, Dh'fhàg mise 's an uair so fo phràmh. Ann an àirde mo làithean, Air gach banais, gach bàl agus féill; Gheibhinn caoimhneas nan càirdean, 'S chuirte furan is fàilte orm fhéin; 'S e bhith cridheil bu ghnàth leinn, 'G òl ghlaineachan làn air a chéil'; Danns' gu sunndach air mìre, Nuair a chluichte dhuinn fidheall nan teud. Ach o'n thromaich an aois orm, Dh'fhàs mo chridhe 's mo smaointinnean fann; Cha téid mi do chuideachd, Cha chuirear do'n chuideachd mi ann; 'S an tha fiabhrus is loinidh, 'N déidh teannachadh comhla 'nam chom; Tha mo chuimhn' air fàs tuathal, 'S chan eil ceum ann am ghluasadh ach trom. Dh'fhalbh spionnadh mo làithean, Dh'fhalbh mo shùgradh, mo mhànran 's mo cheòl; Theirig conaltradh chàirdean, 'S thàinig trioblaidean cràiteach 'nam fheòil; Chan eil speirid am Màiri, Dh'fhalbh a h-eibhneas, a h-àilleachd 's a treòir; Thàinig stoirm air mo ghàrradh, A thug dhomhsa ceann-fàth airson deòir. Thàinig maill' air mo léirsinn, Chan fhaicear 's cha leughar leam nì; Cha tog pìob nam port siùbhlach, Cha tog fiodhull mór shunnd air mo chridh'; Ged a dh'éirinn 's a' mhaduinn, Cha bhi sùgradh air m'aige; 's cha bhi; Móran treòir ann am fhonn-sa, 'S bidh mi deònach air bobhla de'n tì. Dh'fhalbh samhradh mo làithean, Bha gu gorm-lusach àileanach, uain'; Thàinig geamhradh 'na àite, 'S shearg gach duilleach a b'àill' gu robh snuadh; Chruinnich neòil air na speuran, Chuir a' ghealach 's na reultan fo ghruaim; Chaidh mo ghrian gheal a mhùchadh, Mar gu'm bait' i air chùlaibh a' chuain. Ach ged tha mi fìor dhubhach, O'n a chaidh mi o shiùbhal 's o luaths; Tha mi 'n dòchas mu'n triall mi, Gu'n coisinn mi 'n rìoghachd tha shuas; 'S mairg nì móran mu'n t-saoghal, Chumas neach ann am baoghal gun bhuaidh; 'S nach eil solas ri fhaotainn, A mhaireas an taobh seo de'n uaigh.