GF026i06 HI Ù O RA HÙ A Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Séist: I iù o ra hù o, Mo rùn, mo nighean donn bhòidheach, I iù o ra hù o. A nighean bheag a th' aig a' chreag, Tha feagal orm nach còrd sinn. Shiùbhlainn fada, fada leat, Cho fad' 's a bhios m'eòlais. Shiùbhlainn leat an ear 's an iar, Le each, gun srian, gun ròpa. Shiùbhlainn feadh an t-saoghal leat, Ach thus', a ghaoil, bhi deònach. Shiùbhlainn leat dh'Amaireaga, Na h-eileanan as bòidhche. Ás a sin a dh'Eirinn, Gu sràid na ceuman còmhnard. Ás a sin a dh'Uibhist, Far am buidhicheadh an t-eòrna. A' dealachadh 's a' dealachadh, Ach faigheadh fear eile cóir ort. A' dealachadh ri' m ghruagach 'S a' gruaidhean mar na ròsan. A' dealachadh ri 'm chruinneag, Bha mi suidhicht' air a pòsadh. A nighean bheag a th'aig an allt, Tha mis' an geall do phòsadh. 'S tric a rinn sinn dealachadh, Air clachanan bhòidheach.