Fail il o ro, fail il o ro
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF026i04 FAIL IL O RO, FAIL IL O RO
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Séist: Fàill ill ò ro, fàill ill ò ro, fàill ill ò ro éile,
Fa rithil iùl agus ò, 's na thog ì ò ro éile.
Gur mis' tha trom, airtneulach 's a' mhadainn an àm éirigh,
Tha 'ghaoth an ear a' gobachadh 's chan eil mo thogairt fhéin i.
'S e 'ghaoth an iar a b'àite leinn, 's lasan oirr' ag éirigh.
Gun tigeadh oirnn am bàta dha 'm b'àbhaist a bhith treubhach.
Uachdaran na tìreadh innt' mo dhìth ma dh'éireas beud dha.
Uachdaran na dùthch' innte 's gu bheil mo dhùrachd fhéin leis.
Sin is Mac Mhic Alasdair Gleann-garaidh leat le chéile.
Ghabhainn leat á dh' Ìle is an fhìdheall air a' ghleusadh.
Far am bheil na h-òganaich as bòidhche thig nan éideadh.
Far am bheil na h-ìghneagan as binn leam bhi gan éisteachd.
As bòidhche air an ùrlar an àm a' chiùil a ghleusadh.
Reference sources:
An t-Òranaiche, ed. Archibald Sinclair (2004), p. 235