GF026i04 FAIL IL O RO, FAIL IL O RO Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Séist: Fàill ill ò ro, fàill ill ò ro, fàill ill ò ro éile, Fa rithil iùl agus ò, 's na thog ì ò ro éile. Gur mis' tha trom, airtneulach 's a' mhadainn an àm éirigh, Tha 'ghaoth an ear a' gobachadh 's chan eil mo thogairt fhéin i. 'S e 'ghaoth an iar a b'àite leinn, 's lasan oirr' ag éirigh. Gun tigeadh oirnn am bàta dha 'm b'àbhaist a bhith treubhach. Uachdaran na tìreadh innt' mo dhìth ma dh'éireas beud dha. Uachdaran na dùthch' innte 's gu bheil mo dhùrachd fhéin leis. Sin is Mac Mhic Alasdair Gleann-garaidh leat le chéile. Ghabhainn leat á dh' Ìle is an fhìdheall air a' ghleusadh. Far am bheil na h-òganaich as bòidhche thig nan éideadh. Far am bheil na h-ìghneagan as binn leam bhi gan éisteachd. As bòidhche air an ùrlar an àm a' chiùil a ghleusadh.