Òran mo Sheann Dachaidh 'n Laithean m' Òige
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF025i06 ÒRAN MO SHEANN DACHAIDH 'N LÀITHEAN M' ÒIGE
Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod
Bàrd: Tormod Mór | Norman Matheson
[Tha'n t-Eilean Dubh a' fàs fo ghlòir
'N uair thig air treòir an t-samhraidh;
Gur lìonmhor ròs tha] fàs fo dhriùchd,
Gu fallain, flùrail, bòidheach,
Grian na maise toirt dhaibh lùth,
'S a' tarruing sìth do 'm phòraibh,
'S an lili mhìn a' fàs le buaidh,
Aig fuaran Cnoc a' Phòna.
'S ann an Còbh Ida a tha 'n tràigh
A thug dhomh tràthan sòlas;
Chan fhosgail sùil 's cha d' dh'iarr là,
Air àite b'fheàrr leam còmhnuidh.
Ged bheirinn ruaig do'n chuan-an-iar
Air bharraibh siab' nam bòcthonn,
'S ann bhios mo smuain, 's mo thlachd, 's mo mhiann,
Air ìomhaigh Cnoc a' Phòna.
An Sgìr Dhubh a tha 'n taobh shìos dhith,
Bha mi riamh oirr' eòlach;
Bu lìonmhor coigreach aic' ag iasgach,
'S bu bhaile dìon i Thòmas.
Bu tric mi air do leacaibh grianach,
'S mi gun bhiadh le sòlas,
'S mi casruisgt' ann le morghath fiar,
'S b' e ghrian e làithean m' òige.
Gur iomadh bàta laigh air do thràigh,
D'an tug thu fàthach sòlais,
Làn de throsg, 's de runnach liathghlas,
B' fhiach a fiach de'n òr dhuit;
Ach chan fhaic thu sin 's an àm so,
Dh'fhàs iad gann de'n t-seòrsa,
Ach théid iasgan eile 'n-diugh gu Galldachd
'S nach robh ri m' àm 'g an cròthadh.
Gur iomadh gille tapaidh, treun,
Bha farum', eudmhor, 's eòlach,
Eadar "Smokey" 's an "Ceann Camb",
'S mu'n cuairt do bhràigh an t-shore,
Bhiodh ullamh gus a dhol an greim
Nan tugtadh beum na seòrsa;
'S far am buaileadh e a réis,
Bhiodh fuil an déidh a mheòirean.
'N uair a thigeadh oirnn an geamhradh,
Cha bu ghann an spòrs leinn;
Bhiodh na luaidh ann 's bhiodh na bainnsean,
'S bu chridheil ann na h-òigridh;
Bhiodh na h-ìghneagan gu binn
A' togail fonn nan òran;
Ach dh'fheumadh cùis a thighinn gu ceann,
'S cha mhaireadh àm dhomh 'n-còmhnuidh.
'N uair a dh'fhalbhadh iad a dh'fhiadhach,
B' e sud mo mhiann 's mo shòlas;
Bhiodh gunna-snaip an làimh gach giamain,
'S mialchu a' dol còmhla riù;
Bhiodh Mac na Cròic' a' dol am fiamh,
'N àm teanntainn teann gu leòir air;
Bhiodh fhuil 'g a dòirteadh air an t-sliabh,
'S am peilear liath 'g a leònadh.
'S ann am "Breton Còbh" a' tàmh,
Tha luchd mo ghràidh is m' eòlais;
Aonghus, Iain, Tormod 's Niall,
Tha iarmad nach 'eil beò dhiùbh.
Dòmhnall MacLeòid, an duine ciatach,
'S fialaidh aig a' bhòrd e;
Tha e 'n dàimh dhomh thaobh mo mhàthar,
'S nì e 'm bàta sheòladh.
'N uair a théid mi null an dràsda
Chì mi Ceann a' Phòna,
'S gum bi m' inntinn air a cràdh,
A' cuimhne làithean m' òige;
Far an robh mo chuideachd fhéin,
A bheireadh [sìth dhomh 's sòlas,
Ach tha móran dhiùbh air falbh,
'S cha chluinn iad rann de m'òran.]
Reference sources:
Gaelic Songs in Nova Scotia, eds. Helen Creighton and C.I.N. MacLeod (1964), p. 238