A' Chuthag Ghorm
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF025i05 A' CHUTHAG GHORM
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bàrd: An Lighiche | John MacLachlan
[First line missing]
Le'd òran ceòlmhor, milis;
'S e seirm do bheòil 's a' Chéitein òg,
A thogadh bròn o'm chridhe.
'S ro-bhinn leam d' fhuaim air maduinn Chéit',
'S tu air bhàrr géig' 's an innis;
No 'm feasgar ciùin aig bun nan stùc,
Nuair bhios an drùchd a' sileadh.
O, innis càit' an robh do thriall,
Nuair bha na siantan fionnar;
'S ann bha thu tosd gun chàil, gun toirt,
'S tu an cois a' chnuic 'san dubhar?
Mór m'fharmad riut, a chuthag chòir,
Cha déan thu bròn 'nad shiubhal;
Chionn tha do dhoire daonnan gorm,
Do chridhe 'n-còmhnaidh subhach.
Ged theicheas tu roimh 'n fhuachd air àm,
Gum faic do ghleann thu rithist;
An nuair bheir mise ris mo chùl,
Cha bhi mo dhùil ri tilleadh.
O 's truagh nach b' urrainn dhomh leat triall,
Air astar sgiath' 'nar dithis;
Le caismeachd bhinn toirt fios gach àm,
Nuair bhiodh an samhradh—
Reference sources:
The Gaelic songs of the late Dr. Maclachlan, Rahoy, H. C. Gillies (1880), p. 92