GF025i05 A' CHUTHAG GHORM Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bàrd: An Lighiche | John MacLachlan [First line missing] Le'd òran ceòlmhor, milis; 'S e seirm do bheòil 's a' Chéitein òg, A thogadh bròn o'm chridhe. 'S ro-bhinn leam d' fhuaim air maduinn Chéit', 'S tu air bhàrr géig' 's an innis; No 'm feasgar ciùin aig bun nan stùc, Nuair bhios an drùchd a' sileadh. O, innis càit' an robh do thriall, Nuair bha na siantan fionnar; 'S ann bha thu tosd gun chàil, gun toirt, 'S tu an cois a' chnuic 'san dubhar? Mór m'fharmad riut, a chuthag chòir, Cha déan thu bròn 'nad shiubhal; Chionn tha do dhoire daonnan gorm, Do chridhe 'n-còmhnaidh subhach. Ged theicheas tu roimh 'n fhuachd air àm, Gum faic do ghleann thu rithist; An nuair bheir mise ris mo chùl, Cha bhi mo dhùil ri tilleadh. O 's truagh nach b' urrainn dhomh leat triall, Air astar sgiath' 'nar dithis; Le caismeachd bhinn toirt fios gach àm, Nuair bhiodh an samhradh—