Mo Mhàili Bheag Òg
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF025i03 MO MHÀILI BHEAG
Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod
—[Nuair a dh'fhosgail mi] mo shùilean,
'S a sheall mi air mo chùlaibh,
Bha marcaich' nan each crùdhach,
'Tighinn dlùth [BREAK IN TAPE] air mo thòir.
Is mis' a bh' air mo bhuaireadh,
Mo Mhàili bheag òg,
Nuair thàinig sluagh mu chuairt dhuinn,
Mo rìbhinn ghlan ùr;
Is truagh nach ann an uair sin
Gun d' thuit mo làmh o m' ghualainn,
Mun do dh'amais mi do bhualadh,
Mo Mhàili bheag òg.
Gur bòidheach leam a dh'fhàs thu,
Mo Mhàili bheag òg,
'Na lili anns an fhàsach,
Mo cheud ghràdh 's mo rùn;
Mar aiteal caoin na gréineadh,
Am madainn chiùin ag éirigh,
B' e siud do dhreach 's t'eugais,
Mo Mhàili bheag òg.
Is truagh a rinn do chàirdean,
Mo Mhàili bheag, òg,
'Nuair thòisich iad ri ghràdh dhomh,
Mo chuid de 'n t-saoghal thu;
Nan tugadh iad do làmh dhomh,
Cha bhithinn anns an àm seo,
Fo bhinn airson mo ghràdh dhut,
Mo Mhàili bheag, òg.
Ged bheirteadh mi bho 'n bhàs seo,
Mo Mhàili bheag, òg,
Chan iarrainn tuilleadh dàlach,
Mo cheud ghràdh 's mo rùn;
B' annsa an saoghal fhàgail,
'S gum faicinn t-aodann gràdhach,
Gun chuimhn' a bhi air an là sin,
'S an do dh'fhàg mi 'sa [chùirt?].
Reference sources:
"Mo Nighean Donn’s Laghach Thu (My Brown-Haired Maiden, Lovable Are You)," Folksongs of Atlantic Canada from the Collections of MacEdward Leach, https://mmap.mun.ca/folk-songs-of-atlantic-canada/performances/510