Òran Ionadail aig Ruairidh Mór MacLeòid
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF025i01 ÒRAN IONADAIL AIG RUAIRIDH MÓR MACLEÒID
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist:] Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh,
Gur luath leam a dhealaich sinn;
Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh,
Gur muladach a tha mi.
Gur mise tha gu brònach,
Air eileanan St Paul;
Gun tòisich mi air òran,
Air am ball a bh' aig mo nàbaidh.
'S e Sally cailleach ròsan,
'S e bh' innte schooner bhòidheach;
Nuair a fhuair sinn fo chuid sheòl i,
'S a chuir sinn còta ceàrr oirr'.
'S e Iain MacLeòid a fhuair sinn,
B'e fhéin 'na [sàr-fhìdhleir?] uasail;
Nuair a fhuair sinn air a ghluasad,
Gun cum e suas ceòl àrd dhuinn.
Sheinn e 'Cabar-féidh' dhuinn,
'S 'Flowerichean Dhun Eidinn';
Gur e mise bha ga éisteachd,
Leam féin nuair bha mi làmh ris.
'S e Artair a bha dòigheil,
Nuair fhuair e còmh' ri Flòraidh;
[Ma tha, gun éibh e pòsadh?],
A h-uile bòrd air [sgàintinn?].