GF025i01 ÒRAN IONADAIL AIG RUAIRIDH MÓR MACLEÒID Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh, Gur luath leam a dhealaich sinn; Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh, Gur muladach a tha mi. Gur mise tha gu brònach, Air eileanan St Paul; Gun tòisich mi air òran, Air am ball a bh' aig mo nàbaidh. 'S e Sally cailleach ròsan, 'S e bh' innte schooner bhòidheach; Nuair a fhuair sinn fo chuid sheòl i, 'S a chuir sinn còta ceàrr oirr'. 'S e Iain MacLeòid a fhuair sinn, B'e fhéin 'na [sàr-fhìdhleir?] uasail; Nuair a fhuair sinn air a ghluasad, Gun cum e suas ceòl àrd dhuinn. Sheinn e 'Cabar-féidh' dhuinn, 'S 'Flowerichean Dhun Eidinn'; Gur e mise bha ga éisteachd, Leam féin nuair bha mi làmh ris. 'S e Artair a bha dòigheil, Nuair fhuair e còmh' ri Flòraidh; [Ma tha, gun éibh e pòsadh?], A h-uile bòrd air [sgàintinn?].