Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF024i04 MO LUAIDH A CHUNNA MI 'N DIUGH
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist:] Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh,
Gur lugha leam a dhealaich sinn;
Mo luaidh a chunna' mi 'n diugh,
Gur muladach a tha mi.
Gur mise tha gu deurach,
'S a' mhadainn an àm éirigh;
Mi [geamhradh/ ag amhradh?] air cuan Éirinn,
Gd éiridh [fear?] gun bhàt' ann.
Gur mise tha gu truagh dheth,
Am prìosan gura fuar e;
A h-uile duine a chuala,
Gun d'fhuaireadh e na [smeàirleach?].
Mo rùn a' mhaighdinn rìoghal,
As grinne làmh a' sgrìobhas;
Gum b' fheàrr na bh' agam fhìn thu,
Na nighean rìgh na Spàinne.
Bu tric sìos is suas thu,
Ri cruidh a chuir dha'n bhuaile;
Chan fhaca mi 's cha chuala mi,
Gruaimean air do nàdur.
Cha do throid thu riamh rium,
'S cha do rinn thu breug dhomh;
An uair a bhiodh càch ri miala,
'S ann [bheir?] thu 's fiamh a' ghàir' ort.
B' ann tric an ceann do chiste mi,
Ri leughadh do chuid litrichean;
An gaol a bha gun fhiost' againn,
Tha 'nise tha fios aig càch air.