GF024i04 MO LUAIDH A CHUNNA MI 'N DIUGH Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] Mo luaidh a chunna mi 'n-diugh, Gur lugha leam a dhealaich sinn; Mo luaidh a chunna' mi 'n diugh, Gur muladach a tha mi. Gur mise tha gu deurach, 'S a' mhadainn an àm éirigh; Mi [geamhradh/ ag amhradh?] air cuan Éirinn, Gd éiridh [fear?] gun bhàt' ann. Gur mise tha gu truagh dheth, Am prìosan gura fuar e; A h-uile duine a chuala, Gun d'fhuaireadh e na [smeàirleach?]. Mo rùn a' mhaighdinn rìoghal, As grinne làmh a' sgrìobhas; Gum b' fheàrr na bh' agam fhìn thu, Na nighean rìgh na Spàinne. Bu tric sìos is suas thu, Ri cruidh a chuir dha'n bhuaile; Chan fhaca mi 's cha chuala mi, Gruaimean air do nàdur. Cha do throid thu riamh rium, 'S cha do rinn thu breug dhomh; An uair a bhiodh càch ri miala, 'S ann [bheir?] thu 's fiamh a' ghàir' ort. B' ann tric an ceann do chiste mi, Ri leughadh do chuid litrichean; An gaol a bha gun fhiost' againn, Tha 'nise tha fios aig càch air.