Back to recordings

Gur trom tha mo cheum

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF024i03 GUR TROM THA MO CHEUM


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Bárd: Ruairidh Mór , Big Rory | Rory MacLeod



[Séist:] Ò gur trom tha mo cheum,
Bho 'n latha dh'fhàg thu mi fhéin;
'S tric mo shùil a's gach àite,
Ach cò dha ['n toir mi/bheir thu?] spéis.


Seo an nighean bhuidhe ruadh,
Na bi sleannachadh bhuam;
Tric a dh'fhalbh mi air do thòir,
Moch Didòmhnaich is Diluain.


Ma 's e pòs a rinn thu,
'S gur ann ann chuir thu d' ùidh;
B'fheàrr nach pòs thu fear breun,
Rinneadh deur air do shùil.


Chan eil na càirdean ach gann,
A's an tìr na bheil sinn ann;
Comhairl' a bheirinn air gill' òg,
Gun bhith gòrach mu'n dram.


Gur e deirge do ghruaidh,
Na an t-suibheag 'sa bhruach;
Dà shùil mheallach aig mo ghaoil,
Mala chaol, i gun ghruaim.


'Is gus an dùinear mo shùil,
As a' chlò far nach dùisg,
'S ann a chaithris sinn an oidhche,
Ann an cuimhne té òg.




John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile