GF024i03 GUR TROM THA MO CHEUM Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw Bárd: Ruairidh Mór , Big Rory | Rory MacLeod [Séist:] Ò gur trom tha mo cheum, Bho 'n latha dh'fhàg thu mi fhéin; 'S tric mo shùil a's gach àite, Ach cò dha ['n toir mi/bheir thu?] spéis. Seo an nighean bhuidhe ruadh, Na bi sleannachadh bhuam; Tric a dh'fhalbh mi air do thòir, Moch Didòmhnaich is Diluain. Ma 's e pòs a rinn thu, 'S gur ann ann chuir thu d' ùidh; B'fheàrr nach pòs thu fear breun, Rinneadh deur air do shùil. Chan eil na càirdean ach gann, A's an tìr na bheil sinn ann; Comhairl' a bheirinn air gill' òg, Gun bhith gòrach mu'n dram. Gur e deirge do ghruaidh, Na an t-suibheag 'sa bhruach; Dà shùil mheallach aig mo ghaoil, Mala chaol, i gun ghruaim. 'Is gus an dùinear mo shùil, As a' chlò far nach dùisg, 'S ann a chaithris sinn an oidhche, Ann an cuimhne té òg.