Ho ro 's na bheil air m' aire
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF024i01 O HO RO 'S NA BHEIL AIR M'AIRE
Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
[Séist:] O ho rò 's 'na bheil air m'aire,
'S mór a' nochd a tha mi 'caoidh
Ill ù, ill o gur mór mo luaidh ort,
Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn.
Chan eil mo leannan 's a' bhaile,
Chan eil e idir 'san tìr;
'S ann a tha air Loch [Arram?],
Toirt a' sgadan ás na lìn.
'S ann agam fhìn a bha na bràithrean,
Bi mi 'gan àireamh a chaoidh;
'S truagh nach robh mi aig a' charraig,
Nuair a dh'éibh iad soraidh leibh.
Nuair a sheasas mi 's an dorust,
Chì mi 'choille bhos mo chinn;
Sìnidh mo shùilean air sileadh,
Tha mo mhisneachd air a chlaoidh.
'S an uair a bha 'ad 'gar n-[eudadh?],
[M'ar taighean?] [gu Loch a' lìn?]
'S ann a dh'fhuadaich 'ad a-mach sinn,
Gar cur ás mar dhaoine tinn.
Chuir 'ad sinn an cois a' chladaich,
Mar [gun caill a' loch a' lìn/dhan choille lochan lìn?];
Sìos is suas am bàrr na tuinne,
Far nach grunnaich sinn a chaoidh.
Chuir 'ad fear an ceann a' bhràighe
Fear eile an t-àite 's a' robh mi.
Dòmhnall Òg air mullach creige
Is Iain Beag is [taca lìn ?]
Cha dèan mi obair le làmh,
Ach tha mi a-nisd air thighinn gu aois;
Cha do chleachd mi i a's m' òige,
Far nach robh mi an comhair nan craobh.
Nuair a ràna' sinn an Table,
Mo chuideachd gu léir ann cruinn;
Mo phiuthar 's mo bhràthair-céile,
'S gun stiall eudaich air an druim.
Seiche na bà air a cairteadh,
'S air a càradh air mo dhruim;
Mi air stàbhradh leis an acras,
Colas [coltas] a' bhàis a' tighinn air m'aghaidh.