GF024i01 O HO RO 'S NA BHEIL AIR M'AIRE Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] O ho rò 's 'na bheil air m'aire, 'S mór a' nochd a tha mi 'caoidh Ill ù, ill o gur mór mo luaidh ort, Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn. Chan eil mo leannan 's a' bhaile, Chan eil e idir 'san tìr; 'S ann a tha air Loch [Arram?], Toirt a' sgadan ás na lìn. 'S ann agam fhìn a bha na bràithrean, Bi mi 'gan àireamh a chaoidh; 'S truagh nach robh mi aig a' charraig, Nuair a dh'éibh iad soraidh leibh. Nuair a sheasas mi 's an dorust, Chì mi 'choille bhos mo chinn; Sìnidh mo shùilean air sileadh, Tha mo mhisneachd air a chlaoidh. 'S an uair a bha 'ad 'gar n-[eudadh?], [M'ar taighean?] [gu Loch a' lìn?] 'S ann a dh'fhuadaich 'ad a-mach sinn, Gar cur ás mar dhaoine tinn. Chuir 'ad sinn an cois a' chladaich, Mar [gun caill a' loch a' lìn/dhan choille lochan lìn?]; Sìos is suas am bàrr na tuinne, Far nach grunnaich sinn a chaoidh. Chuir 'ad fear an ceann a' bhràighe Fear eile an t-àite 's a' robh mi. Dòmhnall Òg air mullach creige Is Iain Beag is [taca lìn ?] Cha dèan mi obair le làmh, Ach tha mi a-nisd air thighinn gu aois; Cha do chleachd mi i a's m' òige, Far nach robh mi an comhair nan craobh. Nuair a ràna' sinn an Table, Mo chuideachd gu léir ann cruinn; Mo phiuthar 's mo bhràthair-céile, 'S gun stiall eudaich air an druim. Seiche na bà air a cairteadh, 'S air a càradh air mo dhruim; Mi air stàbhradh leis an acras, Colas [coltas] a' bhàis a' tighinn air m'aghaidh.