Back to recordings
Siud mar chaidh an càl a dholaidh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF022i04 SIUD MAR CHAIDH AN CÀL A DHOLAIDH
Beulaiche: Sìne ni’n Nìll mac Lodaidh Nìll Ghilleasbuig | Janie MacNeill
Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Seo mar chaidh an càl a dholaidh,
Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Is bean an taigh' a' dannsa.
Is beag orm a bhodaich ghràinde,
Seach a bhith a' cluich a measg nan Gàidheal;
Ceòl na pìobadh, fuaim na Gàidhlig,
Siud a b' annsa leam.
Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Seo mar chaidh an càl a dholaidh,
Siud mar chaidh an càl a dholaidh,
Is bean an taigh' a' dannsa.