Back to recordings

Eachann Dòimhgein agus a' Bhan-rìgh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF021i03 EACHANN DÒIMHGEIN AGUS A' BHAN-RÌGH


Beulaiche: Peadar Alasdair Donnchaidh Mhóir | Peter Rankin



Cho fad 's a tha sinn a' bruidhinn air Eachann, chuimhnich mi air té eile dar a bha e anns a' chogadh mu dheireadh agus dar a fhuair e air ais, chaidh e a' visiteadh a h-uile duine. Bha e gasta. Bha e math gus a h-uile—na seann dhaoine fhaicinn uile gu léir. Ach co-dhiubh, bha aon seann fhear shìos a' sin, chan eil fhios 'am dh'fhaoidte gu bheil fhios 'am air an ainm aige ach chan abair sinn e. Agus fheumadh e a h-uile sian riamh fhaighinn a-mach. Tha seansa gu robh Eachann deiseil airson a h-uile sian innse agus dh'fhaoidte beagan barrachd an trup seo. O chionn bha e fad trì na ceithir a bhliadhnaichean gun fhaicinn. 'S dh'fhaighnich e dha a h-uile sian mu dheidhinn na battlefields, is thug e dha uile gu léir e. Is dh'fhaighnich e a' sin mu dheidhinn a' fàgail thall a' siud, an deach e gu Scotland a' sin.


Ach co-dhiubh, gheàrr Eachann a-uile sian car goirid agus thuirt e chaidh sinn a' coimhead air a' bhànrighinn. Cha mhór gun d'fhuaur mi ainm na bànrighinn idir. Tha mi as deoghaidh fichead bliadhna do bheagan Gàidhlig, pàirt dhi a chall. Ach co-dhiubh, 's e bhanrighinn a bha iad a' coimhead oirre agus mar a dh'abras sinn by the way, 's e co-dhiubh, Ceap Breatanaich, Nova Scotians, feadhainn a bha uile eòlach, bha iad nam buncha còmhla.


Agus bha i a' beireachd, a' dèanamh shake hands – 'crathadh làmh – ris a h-uile gin dhiubh, mar a bha iad a' tighinn agus thàinig an t-àm aig Eachann a' tighinn agus dé bha i 'dèanamh ach bonnach, na briosgaidean, is bha – dé an t-ainm a chuireas sibh air, an roller aice? – agus i a' tanachadh sìos an dough, gaois, tha seans, de 'n t-ainm a th'air dough? Tha mi an deoghaidh a leigeil ás mo chuimhne. Ach co-dhiubh, bha i busaidh a' dèanamh sin agus shuath i seo far na làmhan aice uile gu léir dar a chunnaic i Eachainn. Is thuirt i, "Well, for God's sake, look at Hector Doink!" Bha fhios aig a-huile duine air Hector agus rug i air làmh air Hector agus fhuair e crathadh làmh nach d'fhuair duine riamh a' leithid.

Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile