Back to recordings

Cha d'fhuair mi 'n cadal (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF020i04 CHA D'FHUAIR MI 'N CADAL (LE RO-RÀDH)


Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin



Tha dà fonn, dà cheathram' do dh'òrain a' seo a rinn first cousin dham athair. Tha a' Ghàidhlig agam a' fas dona, tha seansa ged a tha mi á Rubh' an t-Seallaidh fad ùine mhór. Agus 's e seòladair a bh'ann 's bha athair na, thog e bàtaichean 's a' Phort Bhàn agus bha mo sheanair, Donnchadh Mór MacFhraing, bha iad ag radhainn gu robh e cho math ri seòladair.


Thug e bàta a-staigh á Bancaicean Rubh' an t-Seallaidh dar a chaidh dà na trì a bhathadh le stoirm mhór a bh' aca o chionn, abraidh sinn, dh'fhaoidhte feumaidh mi ag radhainn 75 years agus dar a land iad shìos aig Broadove Marsh, b'fheudar dhaibh am bàta ùradh – tha sin tàirnean ùr a chur innte – mun tigeadh aca air a dhol a-mach air an ath latha is dh'fheumadh e a bhith cuimseach math air an stiùir mun toireadh e bàta bho mach Rubh' an t-Seallaidh gu shìos Broadcove Marsh. Agus 's e nephew dha a bhiodh a' seo a dh'fhalbh ás a Phort Bhàn na Rubh' an t-Seallaidh. 'Se am Port Bàn a bha mór an uair sin, bha trì stòraichean shìos aig a' Phort bho na robh iad ag iasgach fad bhliadhnaichean. Agus 's e Dòmhnall a bh' air, Dòmhnall MacFhraing, is bha e ag iasgach a mach á Gloucester agus an uair sin bha e a' seòladh agus rugadh stoirm mhór orra. Rinn e aon òran mu dheidhinn bàta a bha seòladh oirre agus chuir e verse, chuir e aon mar a dh'abradh sibh, tha mi 'dol ag radhainn verse air :


"Ged chuir i ás a gualainn mi,
Cha do chuir siud gràin mo ghaol oirre"


Tha seansa gu robh do mheas aige air a' bhàta, car coltach ris a' Bhluenose no a' leithid sin, agus cha robh e gu diofar dé a chaidh ceàrr na de dh'éiricheadh dha, bha still meas aige air a' bhàta. An aon bheagan a th' agamas dhen òran sin, 's e diofar òran a th' ann gur h-e té dhe na verses, fear dhe na verses a chuir e air:


"Ged chuir i ás a gualainn mi,
Cha do chuir siud gràin mo ghaol oirre"


Ach cha chreid mi nach robh seachd na ochd verses air an òran sin, ach tha dà verse agam, chan urrainn dhomh verse fhaighinn ann an Gàidhlig air an ath òran a rinn e na faigheadh e gu tìr gun deanadh e cinnteach a dhol dhachaidh. Agus chaidh e rudeigin mar seo:


Séist: Hiù ri ho, illean is ó
Hi o ho, cha d'fhuair mi 'n cadal
'S a hiù ri o, illean is ó


Cuir air dòigh gus a dhol a chadal


An ath cheathramh, fhuair an t-ainm – 'an ceathramh' – 's e:


Ma gheobh mise sàbhailt' gu tìr
Nì mi cinnteach a dhol dhachaidh


Feumaidh sibh mo leisgeul a gabhail – sin na bheil agam.


Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile