Irinn o 's na hao ri oro
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF020i01 IRINN O'S NA HAO RI Ù
Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin
[....] 's an adhar, uisge frasach trom dlùth,
Tha a’ ghaoth air an uinneag, tha siud muladach leinn.
Séist: Irinn o 's na hao ri oro
Irinn o 's na hao iù
Hi ri am bo iù ri oro
Irinn o 's na hao hiù
'S tha a’ ghaoth air an uinneag, tha siud muladach leinn,
Tha soirbheas air caochail ann an aodann mo rùn.
Tha soirbheas air caochail ann an aodann mo rùn,
Ged a bhiodh e na b' àirde, bhiodh mo ghraidh-sa air a’ stiùir.
Ged a bhiodh e na b' àirde, bhiodh mo ghraidh-sa air a’ stiùir,
Ged a bhiodh mo chinneadh ga thilleadh a-nunn.
Ged a bhiodh mo chinneadh ga thilleadh a-nunn,
Gu faithnithinn thu tighinn air dhithist, air thriùir.
Air choignear, air dheichnear 's tu bu deiseil bhiodh dhiubh,
Dh'fhalbh feasgar bhon doras 's gu gaisgeil òg thu.
Dh'fhalbh feasgar bhon doras 's gu gaisgeil òg thu,
Gun càirinn do leaba fon an gléidhinn do rùm.
Dh'fhalbh feasgar bhon doras 's gu gaisgeach óg thu,
Gun càirinn do leaba fon an gléidhinn do rùm.
Fhir bhig na sùil taitneach 's tu m' thaice 's mo rùn,
Cha do threig mi thu idir, tha do litrichean nam rùm.