Back to recordings

An Dà Shealladh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF019i01 AN DÀ SHEALLADH


Beulaiche: Seònaid ni’n Chrisdein Dhòmhnaill Mhóir Aonghais an Tàilleir | Jessie MacRae



Tìnidh Ceit a' Chùil, aon oidhche, an àite Sheonaidh Chaluim a' Ruaidh, is bha leanabh tinn ann an àite Sheonaidh Chaluim a' Ruaidh, leanabh, balach beag, aois dà bhliadhna. Agus chaidh i dhachaidh tron oidhche. Agus nuair a chaidh i dhachaidh, dh'fhaighnich a màthair dhi, "Bheil thu a' smaoineachadh gu bheil a' leanabh a' dol nas fheàrr?"


"O, chan eil" she says. "Chaidh Gilleasbuig Feargasdan seachad ormsa tighinn a-nall tro'n a' choille is bha e an giulain aig' air an t-sléighe." 'S ann an latha na dhà, chaochail a' leanabh, agus 's e Gilleasbuig Feargasdan a thug an corp dha'n a' chladh.

Jessie MacRae
Cùl a' Chnuic Mhòir | Rear Big Hill 3 recordings Faic pròifil | view profile