Back to recordings

Rinn mi còrr is naoi mìle

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF018i03 RINN MI CÒRR IS NAOI MÌLE


Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil



Rinn mi còrr is naoi mìle,
Anns an tìr 's gun mi eòlach;
A' dol a shealltainn na gruagaich,
A bh' air a' bhuailidh na h-ònar.


A' dol a shealltainn na gruagaich,
A bh' air a' bhuailidh na h-ònar;
Nuair a ràna' mi 'm baile,
Cha robh 'ad mar bu chòir dhaibh.


Nuair a ràna' mi 'm baile,
Cha robh 'ad 's mar bu chòir dhaibh;
Cha robh àit air luchd-ciùil ann,
'S cha robh saod air luchd-òil ann.


Cha robh àit air luchd-ciùil ann,
Cha robh saod air luchd-òil ann;
Gu robh mnathan a' fuaigheal,
Agus gruagaichean brònach.


Gu robh mnathan a' fuaigheal,
Agus gruagaichean brònach;
'S ann a fhuair mi [cruth?] ighinn òg,
'S i 'na sìneadh 'san t-seòmbar.


'S ann a fhuair mi [chruth?] [fhìnealt'/ighinn òg?],
'S i 'na sìneadh 'san t-seòmbar;
'S i 'na sìneadh 'fon uinneag,
Far nach cluinn mi do chòmhradh.


'S i 'na sìneadh fon uinneig,
Far nach cluinn mi do chòmhradh;
'S daor a cheannaich mi 'n trusgan.
Tha air a thrusadh mu d' dhòrnan.


Daor a cheannaich mi 'n trusgan,
A th'air a thrusadh mu d' dhòrnan;
Gu bheil snigh' air mo ghruaidhean,
A' sìor bhualadh mo bhrògan.


Seo agaibh Dòmhnall MacNìll, tha e trì fichead 's a h-aon deug a dh'aois a' gabhail an òrain seo.

Reference sources:
An t-Òranaiche, ed. Archibald Sinclair (2004), p. 452-453

Dan Neil MacNeil
Pòn na Maiseadh An Iar | Benacadie West 32 recordings Faic pròifil | view profile