GF018i03 RINN MI CÒRR IS NAOI MÌLE Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil Rinn mi còrr is naoi mìle, Anns an tìr 's gun mi eòlach; A' dol a shealltainn na gruagaich, A bh' air a' bhuailidh na h-ònar. A' dol a shealltainn na gruagaich, A bh' air a' bhuailidh na h-ònar; Nuair a ràna' mi 'm baile, Cha robh 'ad mar bu chòir dhaibh. Nuair a ràna' mi 'm baile, Cha robh 'ad 's mar bu chòir dhaibh; Cha robh àit air luchd-ciùil ann, 'S cha robh saod air luchd-òil ann. Cha robh àit air luchd-ciùil ann, Cha robh saod air luchd-òil ann; Gu robh mnathan a' fuaigheal, Agus gruagaichean brònach. Gu robh mnathan a' fuaigheal, Agus gruagaichean brònach; 'S ann a fhuair mi [cruth?] ighinn òg, 'S i 'na sìneadh 'san t-seòmbar. 'S ann a fhuair mi [chruth?] [fhìnealt'/ighinn òg?], 'S i 'na sìneadh 'san t-seòmbar; 'S i 'na sìneadh 'fon uinneag, Far nach cluinn mi do chòmhradh. 'S i 'na sìneadh fon uinneig, Far nach cluinn mi do chòmhradh; 'S daor a cheannaich mi 'n trusgan. Tha air a thrusadh mu d' dhòrnan. Daor a cheannaich mi 'n trusgan, A th'air a thrusadh mu d' dhòrnan; Gu bheil snigh' air mo ghruaidhean, A' sìor bhualadh mo bhrògan. Seo agaibh Dòmhnall MacNìll, tha e trì fichead 's a h-aon deug a dh'aois a' gabhail an òrain seo.