Mo ghaol air a' chomainn bu thoil a bhith leinn
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF018i02 MO GHAOL AIR A' CHOMANN BU THOIL A BHITH LEINN
Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil
[Séist:] Mo ghaol air a' chomann bu toil a bhith leinn
A' gabhail a' rathaid air bharraibh nan tonn
Mo ghaol air a' chomann bu toil a bhith leinn.
Chì thu 's gach sheòl air a càradh fo h-aodach
Bu luaithe na 'n fhaoileag air aodann nan tonn.
Tha crònan nan fhaoilein a thòisicheas sgaoileadh
Gum b' fhèarr leam an [sòlas?] 'san aonach ud thall
Sluagh na—Fear dhiubh 's a dh'éirich an comann 'na chéile
Bidh ar [maraichean/màthraichean/n-athraichean?] deurach ma théid sinn an call.
Thuirt fear a bha 'gar stiùireadh, "Na gabhaibh sibh cùram
Théid mise air mo shlàint', [mion-eòlach?/tha mi eòlach?] gun mheang."
Seumas MacGroigair an t-òigear[ach?] clever
'Gu gu h-àrd a's a' rigging 's e a' riofadh gu teann.
Tha seann bhodach liath a bha tachairt 's a' [chinn/cheud bhàgh?]
Chan fhacas e riamh gun a mhiann air an dram.
Nuair ruigeas sinn tìr, nì sinn ball a bhios riamhach
[Bidh fraidhse/fresh e na fhìdhleir feadh an...?] dram.
[Cronan nan fhaoilean] nuair a thòisicheas sgaoileadh
Gum b' fhèarr leam a' [saolas?] an aonachd ud thall
Mo ghaol air a' chomann b' e toil a bhith leinn.