Sgeulachd a' Chait Bhig 's a' Chait Mhóir
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF014i08N SGEULACHD A' CHAIT BHIG 'S A' CHAIT MHÓIR
Beulaiche: Flòraidh Eóghainn Dhòmhnaill | Flora MacLellan
Tar-sgrìobhadh: An t-Ollamh Iain Seathach | Dr. John Shaw
Bha siod ann: bha cat beag 's cat mór ann. 'S e naidheachd – sgeulachd – na Banrighinne Ruaidhe a bh' ann: bha nighean aice. Agus ge b' e dh'fheumadh i, nuair rachadh an t-searbhanta a-mach dha'n t-sabhal a h-uile madainn dh'fheumadh i cupan do bhainne blàth fhaighinn a h-uile madainn nuair thigeadh i a-staigh. Ach madainn a bha seo, bha 'n cat beag agus an cat mór 's an t-sabhal agus dh'fhalbh 'ad is chaidh 'ad 'sa mhiosair bainne – 'sa chuman – miosair bainne a bh' aig an t-searbhant agus bhuail i slap orra car an cumail ás. Agus dh'fhalbh ròineagan dha'n fhionndadh ás na cait, agus chaidh iad 'sa bhainne. Agus cha tug i sian fos 'dear 's nuair a ghabh an nighean am bainne nach tàinig na ròineagan beò 'na broinn agus dh'fhàs i tinn. Ach co-dhiù, cha robh fhios ac', Dia 's aig Moire dé bh'air an nighinn.
Ach bha 'n sin seann duine bochd ann. Bha e dall agus e coiseachd a' rathaid agus bha a bhràthair còmhla ris agus cha b' urrainn dha 'n aire thoirt dha agus chuir e taobh a' rathaid e agus cuman uisge aige le thaobh. Agus an sin bha cìobair ann agus dròbh chaorach aige agus chunnaic na caoraich an duine seo agus ghabh iad an t-eagal. Ach thuirt an cìobair leis an duine bhochd bha 'na shuidhe 's e dall,
"A dhuine, chuir thu 'n t-eagal air na caoraich."
"Chan urrainn dhomhsa cuideach'. Tha mise dall," thuirt esan.
"O, ma tha," thuirt an duine, "a dhuine bhochd, thig a-staigh."
Agus chuir e a-staigh 'san t-sabhal aig a' Bhanrighinne Ruadh e.
Ach cha robh e fad' a-staigh a' sin nuair a thàinig an cat beag 's an an cat mór a-staigh dha'n t-sabhal. Agus thuirt an cat beag ris a' chat mhór,
"Tha nighean na Banrighinne Ruaidh glé thinn an-diugh. Agus cha'n eil fhios aca dé an tinneas fo Dhia nan Gràsan a th' oirre. Ach tha fhios agam-as dé th' oirre" thuirt esan. "Bha mis' an-dé 'san t-sabhal ann a' seo agus thàinig an t-searbhant' a-mach agus i leagail. Chuir mis' a-mach an goban bochd 'sa mhiosair bhainn' a bh' aice agus thug i buille dhomh aist' agus chaidh na ròineagan agam ann agus shluig i na roineagan agam agus tha trì piseagan 'na broinn."
"O uill," thuirt an seann chat an uair sin, "cha'n eil fhios a bheil leigheas sam bith air a' sin."
"Tha. Tha uisge 'san tobar ud shios," thuirt esan – an tobar an leithid seo do dh'àite – "agus 's e an aon rud a nì feum oirre. 'S cha'n eil sian nach leighis e agus tha iad a' gràidhinn gun leighin e na doill fhéin cuideachd."
Cha robh fhios aca gu robh 'n seann duine seo a-staigh idir. Dh'éisd am fear seo leis 's nuair a chaidh na cait a-mach dh'fhalbh e. Agus dh'fhalbh e air a ghlùinean 's bha e feuchainn 's a' feuchainn 's feuchainn. Mu dheireadh thàinig e gu tobar. 'S uill, tha seans' gur e seo an tobar a bh' ann. 'S bhog e a làmh 's an tobar 's chuir e 'n t-uisge air a shùilean 's nach d'fhuair e a fhradhrarc! Cha robh fhios aige dé bha ceàrr 's ghlan e a-rithist e 's bha fhradhrarc cho math 's a bha i riamh. Dh'fhalbh e 'n sin gu taigh suas an sin agus dh'iarr e soitheach orr' anns an cuireadh e uisge: gu robh toil aige deochan uisge a ghabhail. All right, thug bean an taighe sin dha 'n soitheach agus dh'fhalbh e gu àite na Banrighinne Ruaidh.
'S o, dh'fhairich e glaodhaich 's gearain a-staigh 's an taigh agus chaidh e a-staigh.
"'S cha chreid mi fhìn," thuirt esan, "nach eil duine tinn agaibh a' seo."
"Tha," thuirt a' Bhanrighinne Ruadh, "tha 'n nighean agam tinn bho chionn leithid seo do dh'ùine 's tha mi 'n deoghaidh a h-uile seud a chosg leath' is tha e fàirlinn orm leigheas."
"O, uill, nach eil sin uamhasach ait. Am faod mise faicinn?" thuirt esan.
"O, 's tu a dh'fhaodas. Cha dèan thu cron no feum dhi," thuirt ise.
Dh'fhalbh e 's thug e a-mach seo ás a phoca na ge b'e càite robh e aige.
"Tha stuth agam-as," thuirt esan, "a' seo agus tha iad ag ràdhainn gun dèan e leigheas do dhuine sam bith agus am biodh gràin agad-as air a ghabhail?"
"O, nach fhaod mi a ghabhail?" thuirt ise. "Cha dèan e sian orm co-dhiù. Cha bhi mi ach mar a tha mi."
Ghabh i pàirt dha'n uisge A Dhia dh'fhairich i rud neònach 's leum piseag mhór ghlas a-mach ás a broinn. O, ghabh i eagal a bha gàbhaidh 's,
"Ciamar a tha thu an-dràsda?"
"Tha mi beagan nas fheàrr," thuirt ise. Bha i tinn fhathast.
"Uill, dh'fhaoidte gum b'fheàrr dhut beagan eile dhe ghabhail," thuirt esan.
Ghabh i beagan eile dhan uisge seo 's leum piseag mhór bhàn a-mach ás a broinn. Bha i 'n uair sin…ghabh i 'n t-eagal ach air a shon sin bha i na b'fheàrr.
"Dh'fhaoidte gun gabhadh tu dileag eile dha 'n uisge seo," thuirt esan. Ghabh i sin is leum piseag mhór dhubh a-mach ás a broinn.
O, bha i 'n uair sin cho math 's a ghabhadh i agus bha i uamhasach 's bha i leighiste 's bha i cho toilichte 's bha a' Bhanrighinne Ruadh cho toilicht' ás a h-uile sian a bh' ann.
"Ach dé a-nist am pàigheadh a bheir mi dhut?" thuirt 'àsan ris an fhear ann a' seo.
"Uill chan eil bhuams' ach deise mhath aodaich," thuirt esan, "agus beagan do dh'airgead."
O cha dèanadh sin an gnothach. Bha nighean na Banrighinne Ruadh, bhs toil aic' am fear seo fhaighinn ri pòsadh. O, uill, bha esan tuilleadh is bochd 's siod 's seo ach cha dhùineadh is' a beul gus an d'fhuair i e le phòsadh.
Uill, bha e 'n sin air a dhreasadh 's dh'fhalbh iad a-mach agus iad tha mi cinnteach ann an coach. Agus thachair caraide dha fhéin air do dhuine bochd air choireiginn agus dh'fhoighneachd e dha,
"Ciamar a fhuair thus' a bhith cho beairteach 's cho dreaste sin?"
"O uill," thuirt esan, "thig a-staigh còmhla leam 'sa wagon (no 'sa choach a' seo na ge b' e dé bh' ann) agus na biodh e 'cur trioblaid idir ort dé chuir mise mar seo."
Agus cha dhùineadh am fear seo a bheul gus an d'fhuair e a-mach ciamar a fhuair e a bhith bho beairteach.
"All right," thuirt esan, "bi falbh. Cha bhi thu còmhla rium tuillidh."
'S dh'inns' e dha nuair a fhuair e 'm beairteas, gun do chaill e a fhradhrac, gun deach e a sabhal na Banrighinne Ruadh, 's na cait a bha a-staigh, agus gun do dh'inns' iad dha mun tobar seo.
All right, dh'fhalbh am fear seo 's bha e fhéin 'na shuidhe taobh a' rathaid mhóir agus dé rinn e ach thug e na sùilean ás fhéin! Thug e na sùilean ás fhéin agus shuidh e taobh a' rathaid mhóir 's cuman uisge le thaobh. 'S thàinig an aon chìobair mun cuairt 's na caoraich aig'.
"O, a dhuine bhochd," thuirt esan, "chuir thu an t-eagal air mo chuid chaorach."
"O, chan urrainn dhomhsa sin a chuideachadh. Chan eil fradhrarc agam," thuirt esan.
"O, uill," thuirt esan, "mura h-eil cuiridh mi 'n ath…ach cha chreid mi nach tu fhéin a thug na sùilean asad fhéin," thuirt e.
All right. Dh'fhalbh e 's thog e [e] 's chuir e 'n sabhal na Banrighinne Ruaidh shuas e. Agus cha robh e fada 'n sin gus an tàinig an dà chat a-staigh 's bha iad a' bruidhinn. Thuirt an cat beag ris,
"Tha mis' a' dèanamh dheth gu bheil cuideigin a-staigh a' seo ag éisteachd leinn."
"Saoil a bheil?" thuirt am fear eile.
"Tha," thuirt an cat beag. 'S dh'fhalbh iad mun cuairt dha'n t-sabhal. Mu dheireadh fhuair iad a' fear a bha seo 's gun sùilean ann 's dh'éirich iad air 's dh'ith iad e. 'S chan eil fhios agam-as – dh'fhàg mise iad an sin.
'S ann aig mo mhàthair a chuala mi bho chionn fhada i.