Boireannach Pròstantach agus an Sagart
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF014i01N BOIREANNACH PRÒSTANTACH AGUS AN SAGART
Beulaiche: Peigi ni'n Iain 'ic Dhòmhnuill | Margaret Kennedy
[P]àirt dha 'n t-seann dùthaich. Cha robh 'ad cho fad' air adhart ri, bha 'ad na b' fhaid' air ais na bha cuid eile dhiubh. Bha mixture do Phròstanaich is do Chaitligich ann. Agus cha robh ministear aca 's cha robh fear-lagh' 's cha robh dotair aca 's cha robh ... ach bha sagart ann.
Càit' an start mi? An tòisich mi an toiseach?
Iain Seathach: Seadh.
MK: Pàirt dha 'n t-seann dùthaich, cha robh 'ad cho fad' air adhart ri pàirt eile dhi. Agus cha robh dotair ac' 's cha robh fear-lagha 's cha robh ministear aca. Ach, bha sagart ann 's bha mixture do Phròstanaich is do Chaitligich ann. Agus bhiodh na Caitligich nuair a rachadh sìon ceàrr, ruitheadh 'ad dh'ionnsaidh an t-sagairt, nam biodh duine tinn na sìon mar sin.
'S bha ban-Phròstanach a' fuireach teann air an t-sagart. Bha i 'faicinn seo agus bha mart aice 's bha meas mór aice oirre. Agus dh'fhàs am mart tinn oirre 's thug, rinn i, fhuair i leighis a bhiodh i, a b' urrainn dhi fhaighinn i fhéin 's cha robh am mart 'dol na b' fheàrr. Smaoinich i dhi fhéin gu rachadh i dh'ionnsaidh an t-sagairt gun leighiseadh e i. Agus chaidh i dh'ionnsaidh an t-sagairt, dh'inns i dha mu 'n mhart an tigheadh e choimhead air a' mhart. O, dh'fhalbh e gus a toileachadh 's chaidh e 'choimhead air a' mhart 's chunnaic e gu robh i gu math tinn. Agus, dar a bha e 'falbh a' sin, bhuail e 'm mart 's thuirt e, "Ma bhios tu beò, bithidh," thuirt e, "'s mura bi, biodh agad."
Agus, dh'fhalbh e 's thòisich am mart air a dhol na b' fheàrr. 'S an ceann taosg ud do làithichean, bha am mart na b' fheàrr. O 's bha am boireannach a bha seo cho toilichte. Ach an ceann ùine ás a' sin, dh'fhàs a' sagart tinn le quinsy, sore throat 's cha robh dòigh air dotair fhaighinn 's bha a’ choltas air gum biodh e marbh. Dhùin an amhach aige suas, bha 'ad a' dol 'ga choimhead 's ro dheireadh, cha leigeadh 'ad duine 'ga choimhead. Cha b' urrainn da bruidhinn 's ach chaidh a' bhan-Phròstanach a bha seo 'ga choimhead 's o gu feum, gu robh toil aice-se ... dh'fhalbh 'ad 's leig 'ad ise sios far a robh e.
Thuirt i ris gu robh i duilich fhaicinn cho tinn mar a bha e. Ach dar a bha i falbh a' sin, thug i buille dha mar sin 's thuirt i, "Ma bhios tu beò, bithidh," thuirt ise, "mara bi, biodh agad," thuirt i.
"Cuimhnich," ars' a' sagart, gur e seo a thuirt na briathran a thuirt e fhéin latha a chaidh e choimhead air a' mhart aice-s' 's thàinig an gàir' air cho mór 's gun na bhurst na cnapan a bha 's an amhaich aige 's chuir e 'mach poidhle. Thòisich e air a dhol na b' fheàrr 's bha 'ad uile toilichte an uair sin gun deachaidh e na b' fheàrr 's bha 'm boireannach a chaidh 'ga choimhead, bha i fhéin toilichte. Sin na bha ann.