An Gràinne Cruithneachd
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF012i04 BÀS IS FÀS A' GHRÀINNE CHRUITHNEACHD
Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald
Bàrd: Murchadh a' Cheisteir | Murdock MacLeod
'S e bàs agus fàs a' ghràinne cruithneachd,
Fìor cheannard na slàint thug teàrnadh dhuinne;
Bho chumhachd a' bhàis chan fhàg e duine,
Le 'n àill bhi pilleadh ri tròcair.
Ta farsaingeachd fàs mar bha 'sa ghealladh,
Ta focal a' ghràis 'ga cànain againn;
'S gach tìr gan toir bàt' thar sàill dhuinn aiseag,
Ach spion e an gadaich a dòrainn.
Na leanaban 's gach àit' mar bha air thalamh,
Dhaibh thaisbean a' ghràdh le làmhan beannaicht';
Ta fialachd a' ghràs air sgàth na fala,
Toirt teànadh anam mar chòir dhaibh.
A' ghrian os ar cionn mar iùil soluis,
Mac Dhé air a' chrann 's e a cheann air cromadh;
On a latha sinn a phronn aig àm na nathrach
Cha chùm air thalamh a glòirsean.
'S e bàs agus fàs a' ghrainne cruithneachd,
Fìor cheannard na slàint thug teàrnadh dhuinne;
Ghabh Dia ruinn mar chloinn measg ainglean sòlas
Ged thoill sinn crorrich is dòruinn.
Nuair thàinig an uair bu chruaidh a bhuill' air,
Chaidh peanas a shluaigh a bhualadh uil' air;
Ach dhùisg e bho'n uaigh le buaidh mar churaidh,
Cha dual dhuinn tuilleadh 'bhi brònach.
'S e bàs agus fàs a' ghrainne cruithneachd,
A' cheannard na slàint thug teàrnadh dhuinne;
Le chumhachd a' bhàird cha fhàg e duine
Le 'n ail bhi pilleadh ri trocair.
Carson nach eil sinn gus an cluinn mac-talla,
'Toirt fuaim air na glinn le seinn agus moladh
Ghabh Dia ruinn mar chloinn, measg ainglean solais,
Ged thoill sinn corraich is dhòrainn.
Reference sources:
Mac-Talla, vol. 8 no. 13 (1899), p. 104; Modern Gaelic Bards: Second Series, Part 1, ed. Malcolm C. MacLeod, p. 120-122