GF012i04 BÀS IS FÀS A' GHRÀINNE CHRUITHNEACHD Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald Bàrd: Murchadh a' Cheisteir | Murdock MacLeod 'S e bàs agus fàs a' ghràinne cruithneachd, Fìor cheannard na slàint thug teàrnadh dhuinne; Bho chumhachd a' bhàis chan fhàg e duine, Le 'n àill bhi pilleadh ri tròcair. Ta farsaingeachd fàs mar bha 'sa ghealladh, Ta focal a' ghràis 'ga cànain againn; 'S gach tìr gan toir bàt' thar sàill dhuinn aiseag, Ach spion e an gadaich a dòrainn. Na leanaban 's gach àit' mar bha air thalamh, Dhaibh thaisbean a' ghràdh le làmhan beannaicht'; Ta fialachd a' ghràs air sgàth na fala, Toirt teànadh anam mar chòir dhaibh. A' ghrian os ar cionn mar iùil soluis, Mac Dhé air a' chrann 's e a cheann air cromadh; On a latha sinn a phronn aig àm na nathrach Cha chùm air thalamh a glòirsean. 'S e bàs agus fàs a' ghrainne cruithneachd, Fìor cheannard na slàint thug teàrnadh dhuinne; Ghabh Dia ruinn mar chloinn measg ainglean sòlas Ged thoill sinn crorrich is dòruinn. Nuair thàinig an uair bu chruaidh a bhuill' air, Chaidh peanas a shluaigh a bhualadh uil' air; Ach dhùisg e bho'n uaigh le buaidh mar churaidh, Cha dual dhuinn tuilleadh 'bhi brònach. 'S e bàs agus fàs a' ghrainne cruithneachd, A' cheannard na slàint thug teàrnadh dhuinne; Le chumhachd a' bhàird cha fhàg e duine Le 'n ail bhi pilleadh ri trocair. Carson nach eil sinn gus an cluinn mac-talla, 'Toirt fuaim air na glinn le seinn agus moladh Ghabh Dia ruinn mar chloinn, measg ainglean solais, Ged thoill sinn corraich is dhòrainn.