Tha tìr ann tha na 's dealraich na latha
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF012i03 THA TÌR ANN THA NA 'S DEALRAICH NA LATHA
Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald
Tha tìr ann tha na's dealraich' no là / The Sweet Bye and Bye / There's a Land that is Fairer than Day.
Tha tìr ann tha na's dealraich' na là,
Tìr a chì sinn tro chreideimh o chéin;
Oir tha 'n Rìgh 'n sin 'na mhaise a ghnàth,
'Chaidh a dh'uallach' dhuinn àite leis féin.
Séist: Ò 'n sgeul àit, cha bhi fad
Gus an coinnich sinn thall air an tràigh,
Ò 'n sgeul ait, cha bhi fad
Gus an coinnich sinn thall air an tràigh.
Nuair a gheibh sinn ar cas air an tràigh,
Canar leinn òrain fhonnmhor nan saoidh,
'S bidh ar spiorad tur saor bho gach cràidh,
'S cha tig sgìos 'thogail osnaich a-chaoidh.
Do ar n-Athair tha fialaidh 's làn bàigh
Bheir sinn cliù agus moladh gun chlos,
Airson Tìodhlac do-labhairt a' ghràidh,
Is gach beannachd a shealbhaich sinn 'bhos.
Reference sources:
Leabhar Laoidh, Comunn Soisgeulach Gàidhealach Ghlascho (1899), p. 39