GF012i03 THA TÌR ANN THA NA 'S DEALRAICH NA LATHA Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald Tha tìr ann tha na's dealraich' no là / The Sweet Bye and Bye / There's a Land that is Fairer than Day. Tha tìr ann tha na's dealraich' na là, Tìr a chì sinn tro chreideimh o chéin; Oir tha 'n Rìgh 'n sin 'na mhaise a ghnàth, 'Chaidh a dh'uallach' dhuinn àite leis féin. Séist: Ò 'n sgeul àit, cha bhi fad Gus an coinnich sinn thall air an tràigh, Ò 'n sgeul ait, cha bhi fad Gus an coinnich sinn thall air an tràigh. Nuair a gheibh sinn ar cas air an tràigh, Canar leinn òrain fhonnmhor nan saoidh, 'S bidh ar spiorad tur saor bho gach cràidh, 'S cha tig sgìos 'thogail osnaich a-chaoidh. Do ar n-Athair tha fialaidh 's làn bàigh Bheir sinn cliù agus moladh gun chlos, Airson Tìodhlac do-labhairt a' ghràidh, Is gach beannachd a shealbhaich sinn 'bhos.