Is e Dia fhein as buachaill dhomh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
IS E DIA FÉIN IS BUACHAILL' DHOMH
Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald
I feel complimented today to be asked to sing Gaelic. It's not very often I have an opportunity to use the Gaelic, so I'm getting a little stale on it. We'll sing the Twenty Third Psalm, the Shepherd's Psalm this time: 'Is e Dia fhein is buachaill' dhomh.'
Is e Dia féin is buachaill' dhomh,
Cha bhi mi ann an dìth;
Bheir e fa-near gu'n laighinn sìos,
Air cluainibh glas le sìth.
Is fòs ri taobh nan aibhnichean,
Théid seachad sìos gu mall;
A ta e 'ga mo threòrachadh,
gu mìn réidh anns gach ball.
Ta e 'g aisig m' anam dhomh air ais,
'S a' treòrachadh mo cheum;
Air slìghe glan na fìreantachd,
Air sgàth dheagh ainme féin.
Seadh fòs ged ghluaisinn eadhon trìd,
Ghlinn dorcha sgàil a' bhàis;
An olc no urchaid a theachd orm,
Ni h-eagal leum 's ni 'n càs.
Air son gu bheil thu leam a ghnàth,
Do lorg, 's do bhàta treun;
Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd,
Is fuasglaidh dhomh am fheum.
Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh,
le h-ola dh'ung mo cheann;
Cur thairis tha mo chupan fòs,
Aig meud an làin a ta ann.
Ach leanaidh maith agus tròcair rium,
An cian a bhios mi beò;
Is còmhnaichinn an àros Dé
Ri fad mo ré 's mo lò.
Reference sources:
Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 272