GF012i01 IS E DIA FÉIN IS BUACHAILL' DHOMH Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald I feel complimented today to be asked to sing Gaelic. It's not very often I have an opportunity to use the Gaelic, so I'm getting a little stale on it. We'll sing the Twenty Third Psalm, the Shepherd's Psalm this time: 'Is e Dia fhein is buachaill' dhomh.' Is e Dia féin is buachaill' dhomh, Cha bhi mi ann an dìth; Bheir e fa-near gu'n laighinn sìos, Air cluainibh glas le sìth. Is fòs ri taobh nan aibhnichean, Théid seachad sìos gu mall; A ta e 'ga mo threòrachadh, gu mìn réidh anns gach ball. Ta e 'g aisig m' anam dhomh air ais, 'S a' treòrachadh mo cheum; Air slìghe glan na fìreantachd, Air sgàth dheagh ainme féin. Seadh fòs ged ghluaisinn eadhon trìd, Ghlinn dorcha sgàil a' bhàis; An olc no urchaid a theachd orm, Ni h-eagal leum 's ni 'n càs. Air son gu bheil thu leam a ghnàth, Do lorg, 's do bhàta treun; Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd, Is fuasglaidh dhomh am fheum. Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh, le h-ola dh'ung mo cheann; Cur thairis tha mo chupan fòs, Aig meud an làin a ta ann. Ach leanaidh maith agus tròcair rium, An cian a bhios mi beò; Is còmhnaichinn an àros Dé Ri fad mo ré 's mo lò.