Back to recordings

Tha Sion a' Seinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF011i02 THA SION A' SEINN


Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald
Bàrd: Pàdraig Grannd nan Òran | Peter Grant



Tha Sion a' seinn cho binn 's a's urrainn,
Toir mìle urram do'n Uan,
A' seinn air a' ghaol nach caochail tuilleadh;
'S e shaor i buileach o'n truaigh;
Hallelujah gu buan aig sluagh nam flaitheas,
Tha cuartach' caithir a' Rìgh;
'S na leanas an t-Uan de'n t-sluagh air thalamh
'S o'm fuaim nì tairis an cridh'.


'S airidh Mac Dhé air géill a's urram,
'S e féin a dh'fhuiling am bàs;
'S e chunnaic ar feum 's ar n-éigin uile,
'S leis féin bu dhuilich ar càs;
'S ann ghiùlan e féin gu léir na buillean,
O'n d' éirich dhuinne bhi slàn,
Tha 'lotan 'sa chreuchdan 'g éigheach uile,
Gach creutair urram thoir dha.


B' iongantach saor do ghaol on toiseach,
Do dhaoine bochd a bha caillt';
Nuair a thàinig thu 'nuas le fuaim an t-Soisgeil,
Gun aon neach cosnadh do ghràdh;
Bha sinne gun Dhia, gun dìon, gun fhasgadh,
Gun rian, no fasgaidh o'n fheirg;
'S a mhallachd gu buan 'gar ruagadh dhachaidh,
Gu cuan do lasraichean dearg.


Ach cheannaich an t-Uan a shluagh o'n thuiteam,
Is fhuair e iuchair a bhàis;
'S tha slàint' a shluaigh gu buan 'na chridhe,
'S cha dual dhoibh rithis bhi 'n sàs;
Air Calbhari dh'òl e 'n dòruinn uile,
Is dhoirt e fhuil air an làr;
'S a nàimhdean bha mór 's ann leòn e uil' iad,
'S gu glòrmhor bhuinnig e 'm blàr.


O sibhse thug spéis dha tréigibh 'm peacadh,
'S gach ceum do sheachran an t-sluaigh,
Is leanaibh e féin le ceumaibh seasmhach,
Toir géill d'a reachdan gach uair,
O bithibhse naomh, 's thugaibh gaol 'nar cridhe,
Do Dhia, d'a shligh', 's d'a shluagh;
Is seinnibh an traths' le gràs air an t-slighe,
'S nì 's feàrr 'n uair bhios sibh shuas.



Reference sources:
Dàin Spioradail leis a' Bhàrd Mhic Ill'Eathain, ed. Alexander MacLean Sinclair (1880), p. 3

Charles MacDonald
Drochaid na h-Aibhne Tuath | North River Bridge 7 recordings Faic pròifil | view profile