Back to recordings
Hi ri him bò
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF010i01N HI RI HIM BÒ
Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon
Chì mi, chì mi thallad
Chì mi na féidh air am bearradh.
Séist: Hi rì him bó, hill oro ho
Hi rì him bó, hi rithill iù
Hi rì him bó, hill oro tha.
Chì mi na féidh air a' bhealach,
'S an giomanach fhéin 'ga leantail.
Chì mi na féidh air a' bhealach,
'S an giomanach fhéin 'ga leantainn
An giomanach fhéin 'ga leantail,
Dh'fhàg e an damh donn gun anail.
Dh'fhàg e an damh donn gun anail,
Air a thaobh a' call na fala.
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 234