GF010i01N HI RI HIM BÒ Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon Chì mi, chì mi thallad Chì mi na féidh air am bearradh. Séist: Hi rì him bó, hill oro ho Hi rì him bó, hi rithill iù Hi rì him bó, hill oro tha. Chì mi na féidh air a' bhealach, 'S an giomanach fhéin 'ga leantail. Chì mi na féidh air a' bhealach, 'S an giomanach fhéin 'ga leantainn An giomanach fhéin 'ga leantail, Dh'fhàg e an damh donn gun anail. Dh'fhàg e an damh donn gun anail, Air a thaobh a' call na fala.