Back to recordings

Tha Seinn anns a' Phige Bheag

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF009i05 THA SEINN ANNS A' PHIGE BHEAG


Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon



Tha pige beag san àite
'S mo làmh-sa nam b' urrainn mi
Chuirinn anns a' Ghàidhlig
Ceud fàilt' air a' bhuidealan.


[Séist:] Tha seinn, seinn, seinn
Tha seinn anns a' phige bheag
[Cà' té eile/Cha té eile?] na chòm
'S mór an caoibhneas an cuide ris.


Chuirinn anns a' Ghàidhlig
Ceud fàilt' air na buidealan
Am brìgh a rinn am bàrd dha
'S an àilleachd a nì mi dheth.


Am brìgh a rinn am bàrd dha
'S an àilleachd a nì mi dheth
Cuspair cian nan Gàidheal
Is gach àite an thuinnich iad.


Am brìgh a rinn am bàrd dha
'S an àilleachd a nì mi dheth
Cuspair cian nan Gàidheal
Is gach ceàrnan an thuinich iad.


Cuspair cian nan Gàidheal
Is gach ceàrnan a thuinnich iad
Bidh glainneachan dhe làn ann
Do chàirdean bhith cruinneachadh.



Jim MacKinnon
Am Pòn Mór | Big Pond 7 recordings Faic pròifil | view profile