GF009i05 THA SEINN ANNS A' PHIGE BHEAG Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon Tha pige beag san àite 'S mo làmh-sa nam b' urrainn mi Chuirinn anns a' Ghàidhlig Ceud fàilt' air a' bhuidealan. [Séist:] Tha seinn, seinn, seinn Tha seinn anns a' phige bheag [Cà' té eile/Cha té eile?] na chòm 'S mór an caoibhneas an cuide ris. Chuirinn anns a' Ghàidhlig Ceud fàilt' air na buidealan Am brìgh a rinn am bàrd dha 'S an àilleachd a nì mi dheth. Am brìgh a rinn am bàrd dha 'S an àilleachd a nì mi dheth Cuspair cian nan Gàidheal Is gach àite an thuinnich iad. Am brìgh a rinn am bàrd dha 'S an àilleachd a nì mi dheth Cuspair cian nan Gàidheal Is gach ceàrnan an thuinich iad. Cuspair cian nan Gàidheal Is gach ceàrnan a thuinnich iad Bidh glainneachan dhe làn ann Do chàirdean bhith cruinneachadh.