Back to recordings

Cumha do Ìomhair Mac'IllEathain

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF009i04 CUMHA DO ÌOMHAIR MAC'ILLEATHAIN


Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon
Bàrd: Seumas Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon



Rinneadh an tuireadh a leanas leis an t-seinneadair Seumas MacFhionghain dha bhràthair-céile, a chaill a bheatha anns a—anns a' Lunastal nineteen forty-four.


Ìomhair, ghaol, mo chiad mhac-sa
Bu chian a [dhalta/dh'altan?] mi 'n tùs thu
'S cian a gheibh mi dhut facal
À leanbais caidreabh na h-òige
Cian a dh'fhàs thu gu ìre
Lìonadh m' inntinn le dòchas
Dòchas shuaimhneach an t-saoghail
Gur tric a caochladh gu bròn e.


Dh'fhàs thu neartmhór, grinn, àlainn
Cridhe blàth nan deagh bheusan
Bu tu rogha gach nàbaidh
'S bha 'n—'s bha 'n dùrachd àrd dhut gun tréigsinn


[BREAK IN TAPE]


Dh'fhàs thu neartmhór, grinn, àlainn
Cridhe blàth nan deagh bheusan
Bu tu rogha gach nàbaidh
Bha an dùrachd àrd dhut gun tréigsinn
Trom an diùbhail tighinn là' rinn
Mar bhuin am bàs an tìr chéin riut
Fo ghrian [no-leigte?] ri d' nàdar
Air raointean cràidhteach, [bha leigheas/fath lèise?]


Bu tu sàighdear gun ghealtach
Ri luchd nan nài—ri luchd an nàimhdean nach géilleadh
Bu tu Gàidheal gun—ah, bu tu sàighdear—


[BREAK IN TAPE]


Bu tu Gàidheal gun ghealtach
Sàighdear gaisgeil nach géilleadh
Ri aghaidh na nàmhaid
Le d' gàirdeanan treuna.
'S truagh gun taic, thu gun furtachd
Air làraich mhortail na h-eucoir
Nuair dhlùthaich tonnan a' chatha
Fo dhuibhre sgaiteach bha [leigheas ort?].


Bha thu caomh ris gach creutair
Bha thu reusanta còmhnard
Dh'imich gliocas is céill leat
Gach taobh is ceum a' robh d' eòlas
Bha do chomhairlean feumail
Bha thu éibhin is spòrsail
Dh'fhàg thu 'n dàchaidh seo léirte
Caoidh gun d' thréig thu cho òg sinn.


Ged bhios mise 'gad chaoineadh
Gus an dùinear fon fhòid mi
'S tìm dhomh uairean bhith smaoinntinn
Nach fhàgte rùisgte mi m' ònair
Tha do mhàthair teann dlùth dhuinn
Is a teaghlach rùnail mu'n chròilein
'S tha thusa luaidh anns na Flathas
An tìr nam beannachd 's an t-sòlais.



Jim MacKinnon
Am Pòn Mór | Big Pond 7 recordings Faic pròifil | view profile